Am Bodach Sneachda (The Snowman)

Download Subtitles

Transcript

0:19:50 > 0:19:57.

0:20:33 > 0:20:36Am Bodach Sneachda.

0:20:43 > 0:20:45Bha an geamhradh seachad,

0:20:45 > 0:20:48's nuair a thainig an t earrach bha na piosan sneachda

0:20:48 > 0:20:50mu dheireadh a' leaghadh as.

0:20:54 > 0:20:56Bha a h uile beathach toilichte,

0:20:56 > 0:20:59o chionns gun robh side bhlath air tighinn

0:20:59 > 0:21:03's b' urrainn dhaibh cluich a muigh gun a bhith a' fas fuar.

0:21:05 > 0:21:08'S air a' mhadainn alainn ud,

0:21:08 > 0:21:12fhad 's a bha a Mamaidh 's a Dadaidh ag ithe an fheoir mhilis,

0:21:12 > 0:21:16dh' fhalbh Blarag air chuairt a dh' fhaicinn de bha dol.

0:21:22 > 0:21:25As deidh coiseachd airson uine mhor,

0:21:25 > 0:21:29choinnich Blarag ri beathaichean nach fhaca i riamh roimhe.

0:21:29 > 0:21:32Hallo! Co sibhse? Chan eil mi smaointinn gum faca mi sibhse

0:21:32 > 0:21:33timcheall seo riamh roimhe, am faca?

0:21:33 > 0:21:36'S e cinn fhionn a th' annainn.

0:21:36 > 0:21:38Agus 's ann as a' Phola a Deas a tha sinn.

0:21:38 > 0:21:39Ach caite bheil am Pola a Deas?

0:21:39 > 0:21:41Carson a tha sibh ag iarraidh dhol a sin?

0:21:41 > 0:21:44Dh' innis an ceann fionn gun robh iad a' sireadh side fhuar,

0:21:44 > 0:21:46's gun robh i daonnan fuar aig a' Phola a Deas

0:21:46 > 0:21:48o chionns gun robh torr sneachda an sin.

0:21:48 > 0:21:51'S e cuairt fhada a th' ann, agus stad sinn an seo airson beagan fois.

0:21:51 > 0:21:55O, ceart. Uill, tha mi an dochas gun cord an turas ribh.

0:21:56 > 0:22:00Bha Blarag toilichte nach b' e ceann fionn a bh' innte,

0:22:00 > 0:22:03oir cha robh am fuachd a' cordadh rithe idir.

0:22:03 > 0:22:06Haoidh? Tha cuideigin a ranaich! Saoil co th' ann?

0:22:09 > 0:22:15Chuir e iongnadh mor air Blarag gur e bodach sneachda a bh' ann.

0:22:16 > 0:22:19De tha cearr? Carson tha thu ranaich?

0:22:19 > 0:22:22Tha h uile duine eile toilichte gu bheil i fas blath,

0:22:22 > 0:22:24ach de feum th' ann an side bhlath dhomhsa!

0:22:24 > 0:22:27Thuig Blarag de bha tachairt.

0:22:27 > 0:22:30Leis a' bhlaths, bha am bodach sneachda a' leaghadh.

0:22:30 > 0:22:36Na gabh dragh, gheibh mise aite fuar dhut far am bi thu gle thoilichte.

0:22:48 > 0:22:51Thug Blarag am bodach sneachda sios chun na h aibhne.

0:22:51 > 0:22:53Bidh thu toilicht' an seo, a Mhaighstir sneachda!

0:22:53 > 0:22:57Tha an t uisge fada ro fhuar dhomhsa, ach bidh e fior mhath dhutsa.

0:22:57 > 0:23:01Tha e fuar ach tha eagal orm nach eil e fuar gu leor.

0:23:01 > 0:23:03'S a' gheamhradh bha an abhainn reoite.

0:23:03 > 0:23:07Ach a nis tha e air leaghadh... direach mar a ni mise! Waaah!

0:23:09 > 0:23:10Brrrrr!

0:23:10 > 0:23:12Ooooh!

0:23:15 > 0:23:19Brrrrr! Brrrr! Brrrr!

0:23:21 > 0:23:24Uill, tha mise smaointinn gu bheil e gu math fuar!

0:23:31 > 0:23:35Thug Blarag am bodach sneachda suas gu uamh anns na beanntan.

0:23:35 > 0:23:42Brrr! Brrr! Saoilidh mi gum bi an uamh seo direach ceart dhut!

0:23:42 > 0:23:44Tha e reoite a staigh an siud!

0:23:48 > 0:23:52Bha Blarag ceart, bha an uaimh gu math fuar...

0:23:52 > 0:23:55ach cha robh am bodach sneachda toilichte.

0:23:55 > 0:23:57Chan eil seo gu feum.

0:23:57 > 0:24:00'S toigh leamsa torr charaidean a bhith timcheall orm.

0:24:00 > 0:24:06Cha toigh leam a bhith leam fhein! Cha toigh leam idir, idir e.

0:24:06 > 0:24:09Thuig Blarag gun robh am bodach sneachda ceart.

0:24:13 > 0:24:14Ged a bha a' ghrian a' dearrsadh,

0:24:14 > 0:24:18bha beagan sneachda ann, air mullach nan craobhan.

0:24:18 > 0:24:23Smaoinich Blarag gun robh doigh eile ann a caraid a chuideachadh.

0:24:23 > 0:24:26Seas fon chraoibh seo, agus crathaidh mise an sneachda ort.

0:24:40 > 0:24:43Ha ha! Tapadh leat, a Bhlarag abair deagh charaid!

0:24:43 > 0:24:45Tha sin nas fhearr a nis.

0:24:48 > 0:24:50Mar a chaidh an latha air adhart,

0:24:50 > 0:24:55bha a' ghrian a' dearrsadh agus dh' fhas i gu math blath.

0:24:57 > 0:24:59Chum Blarag oirre coimhead airson aiteigin fuar,

0:24:59 > 0:25:02far am biodh am bodach sneachda sabhailte.

0:25:05 > 0:25:07Na gabh dragh. Bidh thu taghta.

0:25:07 > 0:25:10Gheibh sinn aiteigin snog fuar an diugh fhathast.

0:25:10 > 0:25:15Choimhead Blarag, ach cha robh sneachd ri lorg.

0:25:15 > 0:25:17Chan eil e gu feum, a Bhlarag,

0:25:17 > 0:25:19tha mi dol a leaghadh mus faigh sinn aiteigin fuar an seo. Obh obh!

0:25:19 > 0:25:24Maighstir sneachda bochd, shaoil Blarag. An uairsin smuain!

0:25:24 > 0:25:27Chuimhnich i air na cinn fionn.

0:25:27 > 0:25:30Haoidh! Tha fhios agamsa direach cait am bu choir dhutsa dhol.

0:25:30 > 0:25:33Bha na cinn-fionn air am fois a ghabhail,

0:25:33 > 0:25:35agus deiseil airson cumail orra air an cuairt,

0:25:35 > 0:25:38nuair a nochd Blarag agus am bodach sneachda.

0:25:38 > 0:25:40Yoo hoo! Aon fhear eile airson a' Phola a Deas!

0:25:40 > 0:25:43Na falbhaibh as m' aonais, tha mise ag iarraidh tighinn comhla ribh!

0:25:47 > 0:25:49Tha mi toilichte gu bheil sibh fhathast an seo.

0:25:49 > 0:25:51Am faod mo charaid a' tighinn comhla ribh?

0:25:51 > 0:25:54Thuirt na cinn-fionn gu faod,

0:25:54 > 0:25:57oir bha iad a smaointinn gur e torr mor spors a bhiodh ann.

0:25:57 > 0:25:59Thoir an aire ort fhein.

0:26:04 > 0:26:06Mar sin leat!

0:26:09 > 0:26:12Beannachd leibh!

0:26:12 > 0:26:17Fhad 's a bha Blarag a' toirt soraidh slan, bha i toilichte

0:26:17 > 0:26:20o chionns gun robh fhios aice gum biodh na cinn-fionn

0:26:20 > 0:26:22bheaga nan deagh charaidean dhan bhodach sneachda.

0:26:29 > 0:26:31An oidhche ud, thuirt Blarag rithe fhein

0:26:31 > 0:26:36gun rachadh i chun a' Phola a Deas aon latha a dh' fhaicinn a caraid.

0:26:36 > 0:26:37Ach bheireadh i leatha stocainn

0:26:37 > 0:26:40na graineig airson i fhein a chumail snog blath!