Am Madadh-allaidh (The Wolf)

Download Subtitles

Transcript

0:00:49 > 0:00:54Dh'fhag Blarag an taigh aice trath sa mhadainn.

0:00:54 > 0:00:58Bha i a' coimhead air adhart ri cluich comhla ri a caraidean.

0:01:00 > 0:01:06Bha i a' coiseachd gu toilichte tro na h achaidhean.

0:01:06 > 0:01:11Gus an do rainig i far an robh na caoraich ag ionaltradh.

0:01:11 > 0:01:13- Madainn mhath, a chaoraich! - Hallo!

0:01:13 > 0:01:16Hallo, Bhlarag! Ciamar a tha thu?

0:01:16 > 0:01:20Bha Blarag uamhasach toilichte a caraid Magaidh an t uan fhaicinn.

0:01:20 > 0:01:22Hallo, a Mhagaidh!

0:01:22 > 0:01:25Agus direach aig a' mhionaid sin nochd an cu.

0:01:25 > 0:01:31- O!- Grrr! Grrr! Woof! Grrr!

0:01:31 > 0:01:34Carson a bha an cu chaorach a' comhartaich?

0:01:34 > 0:01:40A sin carson! O chionns gun robh e air madadh allaidh fhaicinn.

0:01:40 > 0:01:47Haoidh, a Mhadadh allaidh! Chan eil thu tighinn faisg air mo chaoraich!

0:01:47 > 0:01:50Oh! Madadh allaidh ithidh e sinn!

0:01:50 > 0:01:55Cha robh am madadh allaidh a' tuigsinn carson a bha dragh air na caoraich.

0:01:55 > 0:01:57Na leig leis a' mhadadh d' fhaicinn!

0:01:57 > 0:02:00Cha robh Blarag a' tuigsinn carson a bha na caoraich a' ruith air falbh.

0:02:00 > 0:02:04Tarraing! Mach leat! Grrr! Tarraing! Grrr! Mach a seo! Grrr.

0:02:04 > 0:02:08Chiog Magaidh a mach.

0:02:08 > 0:02:12Mo chreach! Chan eil am madadh sin a' coimhead snog!

0:02:12 > 0:02:16Mach leat, a Mhaighstir Mhadadh allaidh! Woof! Woof! Woof!

0:02:16 > 0:02:20Hallo, a chaoraich! Am bu toigh le duine tighinn a chluich comhla rium?

0:02:20 > 0:02:24Bha a h-uile duine a' gabhail an eagail ron mhadadh-allaidh

0:02:24 > 0:02:28agus theich iad cho luath 's a b' urrainn dhaibh.

0:02:28 > 0:02:35Cha robh am madadh allaidh a' tuigsinn carson nach robh na caoraich airson cluich comhla ris,

0:02:35 > 0:02:38's dh' fhalbh e gu bronach.

0:02:38 > 0:02:40Aaaaah!

0:02:40 > 0:02:42Madadh-allaidh beag bochd, smaoinich Blarag.

0:02:42 > 0:02:51Goirid as deidh sin bha Blarag a' cluich le ball.

0:02:51 > 0:02:54Nuair a nochd am madadh allaidh.

0:02:57 > 0:03:01- Obh Obh! Am madadh allaidh a rithist.- Na biodh eagal ort.

0:03:01 > 0:03:04Chan eil mi ag iarraidh ach a bhith cairdeil.

0:03:04 > 0:03:07Ach cha robh Blarag cinnteach, 's thoisich i a' dhol air ais.

0:03:07 > 0:03:11O! M' eudail, thoir an aire, air neo goirtichidh an cactus sin thu!

0:03:11 > 0:03:14Thionndaidh Blarag,

0:03:14 > 0:03:19's chunnaic i gun robh am madadh allaidh ag innse na firinn.

0:03:19 > 0:03:22Bha thu ceart. Tapadh leat airson innse dhomh.

0:03:22 > 0:03:26Oir thuig Blarag gur e mhadadh allaidh laghach a bh' ann.

0:03:26 > 0:03:29Tha mise dol a chluich sa choille.

0:03:29 > 0:03:31A bheil thu ag iarraidh tighinn comhla rium?

0:03:31 > 0:03:36Fhad 's a bha iad a' coiseachd, dh' innis am madadh allaidh do Bhlarag

0:03:36 > 0:03:41gun robh e bronach o chionns gun robh e leis fhein.

0:03:41 > 0:03:45Chan eil duine ag iarraidh a bhith na charaid dhomh.

0:03:45 > 0:03:48Chan eil adhbhar a bhith bronach bidh mise nam charaid dhut.

0:03:48 > 0:03:53Bha am madadh allaidh gle thoilichte caraid fhaighinn.

0:03:53 > 0:03:55Gun duil, thoisich i sileadh.

0:04:04 > 0:04:09- Bu choir dhuinn fasgadh fhaighinn mus bi sinn bog fliuch.- Gu dearbha!

0:04:09 > 0:04:15Bha an t uisge a' sileadh, agus bha na beathaichean a' ruith mun cuairt

0:04:15 > 0:04:19a lorg aiteigin airson cumail tioram.

0:04:21 > 0:04:26Fhuair na mucan uamh a bha tioram agus blath.

0:04:26 > 0:04:29Sgoinneil! Chan bhi sinn fliuch a staigh an seo!

0:04:29 > 0:04:34Ach fhathast bha Blarag agus am madadh allaidh a lorg aite fasgaidh.

0:04:34 > 0:04:37O seall Magaidh an t uan 's tha i leatha fhein.

0:04:37 > 0:04:44Nuair a thainig an stoirm chaidh Magaidh a dhealachadh bho a Mamaidh 's a Dadaidh,

0:04:44 > 0:04:47's a nis bha i na h aonar 's bha i uabhasach fuar.

0:04:47 > 0:04:52An t uan beag bochd. Tha mise dol ga cuideachadh.

0:04:52 > 0:04:54Mmmmm!

0:04:54 > 0:04:59Ach bha an cu chaorach agus an corr dhe na caoraich a' fasgadh ann an uaimh.

0:04:59 > 0:05:01Phew! Abair stoirm!

0:05:01 > 0:05:06Direach an uairsin nochd Mamaidh agus Dadaidh Mhagaidh.

0:05:06 > 0:05:09Am faca duine an nighean bheag againne?

0:05:09 > 0:05:11Chan fhaca sinn sgeul oirre.

0:05:11 > 0:05:15Chan fhaca sinn i bho thoisich an t-uisge!

0:05:15 > 0:05:18An truaghag bheag bhochd! 'S i leatha fhein!

0:05:18 > 0:05:22Seall, thall an siud Magaidh a th' ann fon chraoibh!

0:05:25 > 0:05:28Ooh! An nighean againn! Oh! >

0:05:28 > 0:05:32'S e am madadh allaidh a th' ann, 's tha e dol ga glacadh!

0:05:32 > 0:05:37Nuair a chunnaic Magaidh am madadh allaidh, ghabh i an eagal.

0:05:37 > 0:05:42Tha mi dol gad thoirt air ais gu do mhamaidh 's do dhadaidh.

0:05:42 > 0:05:47Thog am madadh allaidh an t uan beag suas,

0:05:47 > 0:05:51agus direach aig a' mhionaid sin... bhuail dealanach a' chraobh!

0:05:51 > 0:05:57Shabhail am madadh-allaidh i, agus bha an t uan beag sabhailte a-nis.

0:05:57 > 0:06:02Bha an t uan agus a mamaidh 's a dadaidh uamhasach toilichte a bhith air ais comhla a rithist!

0:06:02 > 0:06:06Tapadh leat. Tha sinn duilich gun robh sinn a' smaoineachadh

0:06:06 > 0:06:10gur e droch mhadadh allaidh a bh' annad.

0:06:10 > 0:06:11Rinn am madadh allaidh gaire dha fhein,

0:06:11 > 0:06:17's chruinnich a h uile beathach a bha air ruith air falbh bhuaithe timcheall mar charaidean.

0:06:17 > 0:06:25Bha fhios aige nach biodh e gu brath aonaranach a rithist, agus bha e a' faireachdainn uamhasach toilichte.

0:06:25 > 0:06:28'S toigh leam deireadh toilichte!

0:06:31 > 0:06:33An oidhche, smaoinich Blarag

0:06:33 > 0:06:40ma tha cridhe math aig cuideigin, chan eil e gu diofar co leis a tha iad coltach.

0:06:40 > 0:06:43Oidhche mhath, a Bhlarag.