An Siommach Gearaineach (The Grumpy Fox)

Download Subtitles

Transcript

0:19:50 > 0:19:57.

0:20:43 > 0:20:46B' e latha breagha grianach a bh' ann,

0:20:46 > 0:20:49's mar sin, chaidh Blarag agus a caraid Paids

0:20:49 > 0:20:52airson cuairt a-mach don duthaich.

0:20:52 > 0:20:57An ceann uine, chunnaic Blarag sionnach a' tighinn an taobh eile.

0:21:03 > 0:21:07Hallo, Mhaighstir Sionnaich! Abair deagh latha!

0:21:08 > 0:21:12Grrr! Carson a dh' fheumas daoine daonnan "hallo" ag radh?

0:21:12 > 0:21:20Cha robh Blarag a' smaointinn gun robh e ceart direach grunsgal nuair a chuireadh cuideigin failte ort.

0:21:20 > 0:21:22Chum an sionnach air le aodann gruamach.

0:21:22 > 0:21:29- Madainn mhath!- Chan e madainn mhath a tha ann! Fada ro theth! Nise a-mach as mo shealladh!

0:21:29 > 0:21:35Bha Blarag a' smaointinn gun robh an sionnach feumail air cuideachadh 's lean iad e gu diomhair.

0:21:35 > 0:21:39Grrrr! Tha mi air a bhith coimhead airson biadh fad an latha agus cha d' fhuair mi sion fhathast.

0:21:39 > 0:21:45A bheil an t-acras ort? Carson nach tig thu a-null chun an taigh agamsa 's gabh do dhinneir comhla rinne?

0:21:45 > 0:21:51'S beag orm e nuair a bheir daoine fiathachadh dhomh gu dinneir. Gheibh mi biadh dhomh fhin!

0:21:53 > 0:21:58Choimhead e airson biadh, gus an d' fhuair e balg-losgainn.

0:21:58 > 0:22:02Na ith am balg-losgainn sin, 's docha gun dean e cron ort!

0:22:02 > 0:22:04Bha dragh air Blarag is Paids.

0:22:04 > 0:22:09Grrr! Chan eil feum agamsa air comhairle. Tha seo sabhailte gu leor.

0:22:09 > 0:22:12< Nyam! Yum!

0:22:17 > 0:22:23As deidh dha am balg-losgainn a shluigeadh sios, dh' fhalbh an sionnach gearanach air a shlighe,

0:22:23 > 0:22:25cho toilichte ri righ.

0:22:25 > 0:22:30Bha beachd aig Blarag 's Paids nach biodh am balg-losgann math dha, 's lean iad e.

0:22:30 > 0:22:33Cha robh fada gus an robh bru ghoirt aig an t sionnach.

0:22:33 > 0:22:37Mo stamag bhochd! Chan eil mi faireachdainn gu math! Mmm.

0:22:37 > 0:22:41Bha fhios aig Blarag is Paids nach robh an sionnach a' faireachdainn gu math,

0:22:41 > 0:22:44's bha iad a' faireachdainn gu math duilich air a shon.

0:22:44 > 0:22:48- Bu choir dhut a bhith air eisteachd ris an dithein.- Tha fhios agam.

0:22:48 > 0:22:51Tha thu ceart. Ooh! Tha e goirt!

0:22:51 > 0:22:54O de ni sinn airson do chuideachadh.

0:22:54 > 0:22:59Direach aig a' mhionaid sin, co nochd ach seangain bheaga chairdeil.

0:22:59 > 0:23:03Halo, sheangain! Dh' ith an sionnach seo balg-losgann. Fear puinnseanach.

0:23:03 > 0:23:07'S a nis tha e faireachdainn gu math tinn. An teid agaibh air a chuideachadh?

0:23:07 > 0:23:13Gu dearbha fhein! Ni sinn e nas fhearr ann an uine ghoirid. Ach feumaidh sinn torr uisge.

0:23:13 > 0:23:17Falbhaidh sinne 's gheibh sinn uisge, nach fhaigh, a Phaids! Thugainn!

0:23:24 > 0:23:28An toiseach, fhuair Blarag bucaid.

0:23:28 > 0:23:32Bha Blarag is Paids gu math toilichte.

0:23:32 > 0:23:36A nis bha an t uisge aca a dh' iarr na seangain orra fhaighinn.

0:23:36 > 0:23:40Ach bha an t-uisge a' sruthadh a toll sa bhucaid.

0:23:47 > 0:23:50Obh! Obh! Phaids! Tha a' bhucaid falamh!

0:23:50 > 0:23:54Bheil thu cinnteach? 'S docha gu bheil drudhag air fhagail?

0:23:54 > 0:23:56Ach bha Blarag ceart. Cha robh deur sa bhucaid.

0:23:56 > 0:24:02Fius aon bhoinne. Cha robh fhios aig Blarag 's Paids de dheanadh iad.

0:24:02 > 0:24:04De ni sinn? Bheil beachd sam bith agad, Phaids?

0:24:04 > 0:24:08Dh' fhaodamaid tuilleadh fhaighinn. Ach, a bheil fhios agad?

0:24:08 > 0:24:12Thigeadh e a-mach tron toll sa bhucaid a rithist.

0:24:12 > 0:24:16An uairsin nochd crubag bheag chairdeil.

0:24:16 > 0:24:20Hallo, a chairdean! Bha mi ag eisteachd agus saoilidh mi gun teid agam ur cuideachadh.

0:24:20 > 0:24:23'S e an rud a dh' feumas sinn cnap mor deigh.

0:24:23 > 0:24:27O! Ach chan e deigh tha dhith oirnn ach uisge.

0:24:27 > 0:24:33- Ach, sin th' ann an deigh - uisge reoite.- Oooooh!

0:24:33 > 0:24:38Chan eil sion neonach mu dheidhinn! Leanaibh mise agus chi sibh!

0:24:47 > 0:24:51Ha seall! Theid aige air ruith gu math luath airson crubag bheag!

0:24:55 > 0:25:01Dh'innis a' chrubag mar a bhiodh an sneachd a' leaghadh air na beanntan as t earrach

0:25:01 > 0:25:05agus a' tuiteam na chnapan a-steach dhan abhainn.

0:25:10 > 0:25:13Hooray!

0:25:13 > 0:25:15Sin agad e!

0:25:15 > 0:25:21Ruith a' chrubag air adhart ris an deigh, agus lean Blarag is Paids gu toilichte as a dheidh.

0:25:21 > 0:25:23Oooooh!

0:25:23 > 0:25:26Pathadh eagalach orm! Neo caite bheil iad leis an uisge?

0:25:26 > 0:25:29Na gabh dragh, seo sinn!

0:25:29 > 0:25:32Bidh thu nas fhearr ann am mionaid, bithidh.

0:25:32 > 0:25:37Aidh! Thug sinn cnap mor deigh bhon abhainn dhut.

0:25:37 > 0:25:41Ach chan eil deigh gu feum! Heh grrr! 'S e uisge a tha dhith orm!

0:25:46 > 0:25:50Fuirich thusa! Latha teth a th'ann, leaghaidh an deigh, a-steach na uisge.

0:25:50 > 0:25:56Agus fhad 's a bha an deigh a' leaghadh, chruinnich fear dhe na seangain luibhean sonraichte.

0:25:56 > 0:26:00Measgaichidh mi iad seo san uisge. Ni iad sinn do stamag nas fhearr.

0:26:07 > 0:26:12Nuair a bha an iocshlaint deiseil, dh' ol an sionnach suas e air fad.

0:26:15 > 0:26:17Ahhh.

0:26:17 > 0:26:20Ha ha ha! Ha ha ha!

0:26:20 > 0:26:25O! Tha mi faireachdainn nas fhearr! Taing airson ur cuideachaidh!

0:26:25 > 0:26:29Bha Blarag 's a caraidean gle thoilichte.

0:26:29 > 0:26:34A bheil fhios agaibh, bha siud fior choibhneil. Am bu toigh leibh bhith nur caraidean?

0:26:34 > 0:26:38Gu dearbh fhein, bu toil. Fius ged a tha thu gearanach.

0:26:38 > 0:26:44Mise? Gearanach? Grrr! Chan eil fhios agam co air tha sibh bruidhinn!

0:26:44 > 0:26:48Ha ha ha!

0:26:54 > 0:26:58An oidhche sin, smaoinich Blarag gur e uaireannan na beathaichean gearanach

0:26:58 > 0:27:01is motha tha feumail air ar taic.

0:27:01 > 0:27:06Ma tha sinne coibhneil dhaibhsan, 's docha gum bidh iadsan nan deagh charaidean dhuinne.