A' Tadhail air Granaidh (A Visit to Grandma's)

Download Subtitles

Transcript

0:00:39 > 0:00:41'S e latha sonraichte a bh' ann.

0:00:42 > 0:00:44Hooray! Hooray!

0:00:44 > 0:00:49Bha Blarag uamhasach toilichte, oir bha i dol a thadhal air Granaidh.

0:00:50 > 0:00:52Tha mi smaointinn gum biodh e snog

0:00:52 > 0:00:55- nan toireadh tu preasant gu Granaidh.- Oh!

0:00:55 > 0:00:59Carson nach lion sinn basgaid le preasantan a bheir thu gu Granaidh.

0:00:59 > 0:01:05'S rinn mamaidh is dadaidh Bhlaraig suas basgaid le da phreasant -

0:01:05 > 0:01:08stoc chloimh agus ubhal breagha dearg.

0:01:08 > 0:01:11Oh sgoinneil! Bidh Granaidh cho toilichte!

0:01:11 > 0:01:15Tha mi air bhoil! Fuirich gus an toir mi dhith na preasantan!

0:01:17 > 0:01:21'S dh' fhalbh Blarag a dh' fhaicinn Granaidh.

0:01:21 > 0:01:25Ghiulain i basgaid nam preasantan gu faiceallach na beul.

0:01:38 > 0:01:42Fhad 's a bha i a' coiseachd, choimhead Blarag air gach beathach

0:01:42 > 0:01:43beag a chunnaic i air an t slighe.

0:01:51 > 0:01:55Shios ri taobh na h aibhne, bha cuileag lasrach a' cluich le losgann.

0:01:58 > 0:02:02Nuair a nochd Blarag, leum an losgann (a steach) dhan uisge.

0:02:02 > 0:02:06Air a' bhruach eile, bha caora agus an t uan beag aice a' feitheamh

0:02:06 > 0:02:09gus a dhol tarsainn na h aibhne.

0:02:09 > 0:02:10B' e caraid do Bhlarag a bh' anns an

0:02:10 > 0:02:13uan Magaidh. 'S dh'fhuirich i gus an canadh i halo.

0:02:13 > 0:02:18An toiseach, leum mamaidh caora bho aon clacharan gu clach eile,

0:02:18 > 0:02:21gus an robh i air taobh thall na h aibhne.

0:02:23 > 0:02:25Ach cha robh an t uan beag ro chinnteach air a casan,

0:02:27 > 0:02:31agus thuit i dhan uisge!

0:02:32 > 0:02:35- Obh obh!- Bha an t uisge san abhainn fuar,

0:02:35 > 0:02:38agus thoisich an t uan a' crith(eanaich).

0:02:38 > 0:02:40Ghabh Blarag truas ri Magaidh bhochd,

0:02:40 > 0:02:43agus thug i dhi an stoc bhon bhasgaid.

0:02:43 > 0:02:46Seo dhut. Cuir an stoc seo ort, agus bidh thu blath ann an tiotan.

0:02:46 > 0:02:49Tha sin cho choibhneil. Can "tapadh leat".

0:02:49 > 0:02:52Moran taing a Bhlarag. 'S e fior charaid a th' annad.

0:02:52 > 0:02:53Ha ha ha ha!

0:02:53 > 0:02:56Bha Blarag toilichte,

0:02:56 > 0:02:59oir bha i air cuideachadh a thoirt dha a caraidean, na caoraich.

0:03:01 > 0:03:03Fius ged nach robh stoc aice na

0:03:03 > 0:03:06basgaid tuilleadh, bha Blarag gu math toilichte.

0:03:06 > 0:03:08Tha fhathast aon phreasant agam son

0:03:08 > 0:03:10Granaidh, agus bha feum aig Magaidh air an stoc ud.

0:03:10 > 0:03:13Faisg air laimh, bha luch a' putadh

0:03:13 > 0:03:17peitseag bhlasta air ais chun an nid aige.

0:03:18 > 0:03:23Bha an luch cho trang a' putadh na peitseig nach tug e an aire nuair a

0:03:23 > 0:03:28rainig e cnoc agus o mo chreach roilig a' pheitseag air falbh!

0:03:28 > 0:03:33Obh obh! De bhios agam son mo dhinneir a nis?

0:03:33 > 0:03:37Na gabh dragh! Tha an dearbh rud agamsa dhut, a Mhaighstir Luch!

0:03:37 > 0:03:39Am bu toigh leat ubhal snog dhearg mhilis?

0:03:40 > 0:03:43OOOOH!

0:03:43 > 0:03:44Ha ha!

0:03:44 > 0:03:46Bha Blarag a' faireachdainn duilich

0:03:46 > 0:03:48son na lucha, 's mar sin thug i dha an ubhal.

0:03:49 > 0:03:53Oh Bhlarag, ceud mile taing. Tha sin cho coibhneil.

0:03:53 > 0:03:55Ha ha ha ha!

0:03:55 > 0:03:59Bha Blarag uamhasach toilichte gun deach aice air an luch a

0:03:59 > 0:04:03chuideachadh. 'S chum i oirre air an rathad gu taigh Ghranaidh.

0:04:05 > 0:04:08Ach chuala i rudeigin a thug oirre stad is eisteachd.

0:04:08 > 0:04:10O! Tha cuideigin a' ranaich!

0:04:10 > 0:04:13B' e Mathair Eun agus an t isean beag

0:04:13 > 0:04:16aice a bh' ann, nan suidhe air craobh.

0:04:16 > 0:04:19Halo eoin! De tha cearr?

0:04:19 > 0:04:20Tha a' ghaoth air ar nead a'

0:04:20 > 0:04:23sheideadh air falbh, 's a nis chan eil dachaigh againn dhuinn fhein!

0:04:23 > 0:04:25Ghabh Blarag truas ri na h eoin, 's

0:04:25 > 0:04:28iad cho bronach, agus, 's rinn i h inntinn suas an cuideachadh.

0:04:28 > 0:04:30Chan eil adhbhar dragh a bhith

0:04:30 > 0:04:32oirbh! Tha an rud a tha dhith oirbh agamsa, direach an seo.

0:04:32 > 0:04:34Ma chuireas thu a' bhasgaid seo suas

0:04:34 > 0:04:38sa chraoibh, ni e nead sgoinneil airson an dithis agaibh.

0:04:38 > 0:04:41O, tapadh leat, a Bhlarag.

0:04:43 > 0:04:46Tha a' bhasgaid sin uamhasach laidir.

0:04:46 > 0:04:48Cha sheid a' ghaoth sin air falbh gu brath!

0:04:48 > 0:04:52Bha na h eoin uamhasach toilichte le an nead ur spaideil.

0:04:52 > 0:04:55O Bhlarag, 's e seo an nead as miorbhailiche a chunnaic mi riamh!

0:04:55 > 0:04:57Moran taing (gu dearbh)!

0:04:57 > 0:05:03Mar sin, gun phreasant sam bith 's gun bhasgaid, chum Blarag oirre.

0:05:03 > 0:05:05Mu dheireadh, stad i aig mullach na beinne.

0:05:06 > 0:05:08Chunnaic i taigh beag breagha.

0:05:11 > 0:05:16O sgoinneil! Sin taigh Ghranaidh! Tha fadachd orm a faicinn!

0:05:23 > 0:05:27Yoo hoo! Granaidh! 'S mise a th'ann Blarag!

0:05:29 > 0:05:30A Bhlarag!

0:05:30 > 0:05:33O, nach math d' fhaicinn!

0:05:35 > 0:05:38O Ghranaidh! Bha duil agam preasantan a thoirt thugaibh, ach,

0:05:38 > 0:05:41air an rathad choinnich mi ri beathaichean aig an robh feum orra,

0:05:41 > 0:05:42's thug mi seachad iad uile.

0:05:42 > 0:05:44Tha mi an dochas gu bheil sin ceart gu leor.

0:05:44 > 0:05:45Bhlarag 's e thu fhein a bhith an

0:05:45 > 0:05:48seo am preasant as fhearr a b' urrainn dhomh fhaighinn.

0:05:53 > 0:05:54Tha rud sonraichte agam dhut! Rinn

0:05:54 > 0:05:57mi e a dh'aona ghnothach, agus saoilidh mi gun cord e riut.

0:05:57 > 0:06:00O sgoinneil! Saoil de th'ann!

0:06:01 > 0:06:04'S e ceic mor milis measan a th'ann!

0:06:04 > 0:06:07O! An rud as fhearr leam 's tha e coimhead cho blasta!

0:06:07 > 0:06:09Mmm! Faod mi fheuchainn?

0:06:09 > 0:06:12Smaoinich Blarag cho fortanach 's a bha i.

0:06:12 > 0:06:14Chan e direach gur e an Granaidh aice

0:06:14 > 0:06:17an Granaidh a b' fhearr air an t saoghal,

0:06:17 > 0:06:21's i an Granaidh a b' fhearr air ceicean a dheanamh cuideachd!

0:06:30 > 0:06:33An oidhche sin, bha Blarag uamhasach toilichte.

0:06:33 > 0:06:36Smaoinich i mu na caoraich, an luch agus an da eun.

0:06:36 > 0:06:40'S e faireachdainn math a th' ann nuair a chuidicheas tu cuideigin.

0:06:40 > 0:06:42Oidhche mhath, a Bhlarag!

0:06:55 > 0:06:58E-mail subtitling@bbc.co.uk