Am Burras Grànada/The Ugly Caterpillar

Download Subtitles

Transcript

0:00:40 > 0:00:43'S e latha math grianach a bh'ann

0:00:43 > 0:00:47agus bha parantan Bhlaraig aira dhol a mach dhan phairc.

0:00:47 > 0:00:51Chuir e iongnadh orra nuair a chunnaic iad an nighean bheag aca a' falbh dhan choille,

0:00:51 > 0:00:57ach shaoil iad gun robh i dol a dh' fhaicinn a caraidean. Agus bha iad ceart.

0:01:02 > 0:01:05Chaidh Blarag a dh' fhaicinn Eanraig, a' chailleach oidhche.

0:01:05 > 0:01:11Bha esan uamhasach glic agus bha fhios aice gun ionnsaicheadh i rudan sonraichte bhuaithe.

0:01:11 > 0:01:15- Hallo, Bhlarag. - Hallo dhuibh pein, Eanraig.

0:01:15 > 0:01:22An robh fhios agad gu bheil thu fuireach ann an craobh uamhasach snog?

0:01:22 > 0:01:26Oh! Tha daoimean sa chraoibh.

0:01:26 > 0:01:29Tha e uamhasach mor is dathach.

0:01:29 > 0:01:34Tha e coltach ri daoimean, ach chan e sin a th' ann.

0:01:34 > 0:01:37Oh! Tha thu ceart, Eanraig. 'S e biastag bheag a th' ann.

0:01:39 > 0:01:46Bha an t acras air Blarag agus shaoil i gum biodh duilleagan na craoibhe gle bhlasta.

0:01:46 > 0:01:49Hoidh! Fag mo bhiadh sa!

0:01:49 > 0:01:52Oh! 'S e bioran tha bruidhinn.

0:01:52 > 0:01:55Chan e bioran a th' ann ach biastag.

0:01:55 > 0:01:59Uaireannan, chan eil rudan mar a tha iad a' coimhead.

0:01:59 > 0:02:05Chaidh Blarag a dh'fhaicinn de bha na burrais a deanamh anns a' chraoibh.

0:02:05 > 0:02:09Chunnaic Blarag aon bhurras a bha leis fhein.

0:02:09 > 0:02:15Chan eil biadh an seo. Carson nach eil thu comhla ris a' chorr? Tha torr dhuilleagan acasan airson ithe.

0:02:15 > 0:02:19Chan eil iad gam iarraidh comhla riutha. Tha iad ag radh gu bheil mi granda.

0:02:19 > 0:02:26Aidh, tha e cho granda. Ma thig e seo cuiridh e an t eagal air ar caraid Bealag!

0:02:29 > 0:02:35B' e burras cho breagha bh' ann am Bealag. Bha a h uile burras air a' chraoibh ann an gaol leatha.

0:02:35 > 0:02:38Gu h araidh Fearghas am burras granda.

0:02:38 > 0:02:41Bhiodh esan a' cur seachad an latha a' coimhead oirre.

0:02:41 > 0:02:44Bha i cho alainn 's bha duil aige nach coimheadadh i air.

0:02:44 > 0:02:47Oh! Tha mi duilich! A chreutair bhochd.

0:02:51 > 0:02:55Dh' fhalbh Blarag a dh' fhaighinn beagan bidhe air a shon.

0:02:57 > 0:03:01Seall! Dhutsa!

0:03:01 > 0:03:03Tapadh leat.

0:03:08 > 0:03:13- Chi mi maireach sibh, a chairdean. - Mar sin leat, a Bhlarag.- Tioraidh!

0:03:18 > 0:03:23As deidh latha fada, thainig an oidhche.

0:03:23 > 0:03:26An ath mhadainn, dh' fhag Blarag an seada

0:03:26 > 0:03:32's chaidh i a thadhal air Eanraig 's a caraid ur, am burras granda.

0:03:35 > 0:03:37Oh!

0:03:37 > 0:03:42Chuir e iongnadh air Blarag nach robh burras sam bith rim faicinn.

0:03:42 > 0:03:46Nan aite, chunnaic i cochaill beaga neonach.

0:03:46 > 0:03:49Na gabh dragh, a Bhlarag.

0:03:49 > 0:03:54Cha do dh' fhalbh na burrais. Tha iad uile am broinn nan cochall.

0:03:55 > 0:03:58Ooooh!

0:03:58 > 0:04:02Tha iad a' cruth atharrachadh am broinn sin.

0:04:02 > 0:04:05A maireach, thig iad a mach mar dealain de alainn.

0:04:05 > 0:04:07Choimhead Blarag air nead a' bhurrais ghranda.

0:04:07 > 0:04:09Co leis a bhios esan coltach?

0:04:09 > 0:04:13Tillidh mi a maireach a dh' fhaicinn nan dealain de.

0:04:13 > 0:04:15Bidh mi feitheamh ort an seo.

0:04:22 > 0:04:26Cha d' fhuair Blarag norrag cadail an oidhche sin.

0:04:26 > 0:04:31Bha fadachd oirre airson na maidne feuch am faiceadh i na dealain de.

0:04:34 > 0:04:39Mu dheireadh thall, thainig latha ur.

0:04:41 > 0:04:45Thugainn, a Bhlarag - tha na dealain-de an impis nochdadh!

0:04:51 > 0:04:56An toiseach, nochd an da bhurras a bha mor asta fhein.

0:04:57 > 0:05:01Chan eil na dathan agadsa snog!

0:05:01 > 0:05:05Co mu dheidhinn tha thu bruidhinn? Tha iad nas breagha nan fheadhainn agadsa!

0:05:05 > 0:05:08An uairsin nochd Bealag - breagha agus dealrach.

0:05:08 > 0:05:13Oh! 'S e dealan de breagha a th' ann am Bealag.

0:05:13 > 0:05:16O, tha i cho alainn.

0:05:16 > 0:05:23An uairsin chaidh Blarag agus na dealain de a dh' fhaicinn co ris a bhiodh am burras granda coltach.

0:05:23 > 0:05:26Wow!

0:05:26 > 0:05:32Chuir e iongnadh air a h uile duine mar a thionndaidh am burras granda na dhealan de alainn.

0:05:32 > 0:05:39Bha am burras granda gle thoilichte leis a choltas ur. Agus bha Bealag a' coimhead air gu gradhach.

0:05:39 > 0:05:42Oh! Tha Bealag air tuiteam ann an gaol ris!

0:05:45 > 0:05:48Bha am burras granda uamhasach toilichte,

0:05:48 > 0:05:52oir bha fhios aige cuideachd gun robh Bealag ann an gaol ris.

0:05:52 > 0:05:56agus gum biodh iad a' sgiathadh comhla gu siorraidh.

0:06:05 > 0:06:12Bha Blarag uamhasach toilichte a' coimhead air an dithis aca, a' cluich anns na speuran.

0:06:12 > 0:06:18Chunnaic an da dhealan de shanntach gun robh Bealag toilichte agus dh'itealaich iad air falbh,

0:06:18 > 0:06:22lan aithreachais gun robh iad air a bhith a' magadh air am burras granda.

0:06:22 > 0:06:25Bhlarag, 's tu mo charaid as fhearr!

0:06:26 > 0:06:31- 'S tha torr gradh agam ort. - Mise cuideachd.

0:06:34 > 0:06:38An oidhche sin, thuig Blarag gun do dh' ionnsaich i rud sonraichte...

0:06:38 > 0:06:44nach bu choir dhut magadh uair sam bith air coltas dhuine.

0:06:44 > 0:06:46Oidhche mhath, a Bhlarag.