Taibhs an t-Sneachda (The Snow Ghost)

Download Subtitles

Transcript

0:09:50 > 0:09:57.

0:10:41 > 0:10:45'S e madainn geamhraidh a bh' ann, 's bha an duthaich comhdaichte

0:10:45 > 0:10:47air a chomhdachadh ann an le sneachda.

0:10:47 > 0:10:50Dh' eirich Blarag trath airson coimhead air

0:10:50 > 0:10:51na h-achaidhean dhearrsach gheal.

0:10:51 > 0:10:56Tha seo direach sgoinneil! O, 's toigh leam an sneachda!

0:10:56 > 0:10:59Bhlarag! Bhlarag!

0:11:00 > 0:11:03Haoidh! Thugainn airson cuairt san t-sneachda!

0:11:04 > 0:11:06Deagh smuain, a Phaids!

0:11:08 > 0:11:11'S dh' fhalbh an dithis aca tron duthaich reoite.

0:11:13 > 0:11:18Air an rathad, chaidh iad seachad air Grainne a' ghraineag.

0:11:18 > 0:11:22Bha an stocainn striopach air a shron airson a chumail blath.

0:11:22 > 0:11:26Ach a dh' aindeoin sin, bha e air an cnatan fhaighinn.

0:11:26 > 0:11:27Atchooo! Atchoooo!

0:11:27 > 0:11:30An uairsin chunnaic iad daolag bheag thrang.

0:11:30 > 0:11:33Bha e roiligeadh peits mhor chruinn tron t-sneachda.

0:11:33 > 0:11:34Cait bheil thu a' dol leis a' pheitseag mhor sin?

0:11:34 > 0:11:38Tha mi ga thoirt dhachaigh gu mo theaghlach a bhiathadh.

0:11:38 > 0:11:39Cumaidh e dol sinn airson seachain!

0:11:39 > 0:11:45Gu sunndach, roilig an daolag am peitseag air falbh.

0:11:45 > 0:11:49An ath rud chunnaic iad seangan a' cluich san t-sneachda.

0:11:53 > 0:11:56Hallo, a Mhaighstir Sheangain! Tha torr spors agad an sin!

0:11:56 > 0:12:00Gu dearbha. Agus tha biadh gu leor againn air a storadh a-staigh,

0:12:00 > 0:12:02's mar sin faodaidh sinn cluich a-muigh san t-sneachda.

0:12:02 > 0:12:04Fhad 's a bha an seangan a' bruidhinn,

0:12:04 > 0:12:06chunnaic Paids rud gu math neonach.

0:12:06 > 0:12:08Oh!

0:12:08 > 0:12:11Bha cumadh annasach a' gluasad san t-sneachda.

0:12:12 > 0:12:17A Bhlarag, a Bhlarag! Tha an sneachd a' gluasad leis fhein.

0:12:19 > 0:12:22Chan eil mise a' faicinn sion a' gluasad.

0:12:25 > 0:12:29Ach bha e gluasad, chunnaic mi e le mo shuilean fhein!

0:12:29 > 0:12:32Chum Blarag oirre coiseachd, ach - mo chreach -

0:12:32 > 0:12:35's ann a ghluais an cumadh seachad oirre.

0:12:35 > 0:12:41Choimhead i air le iongnadh, ach aig a' mhionaid sin, stad e!

0:12:42 > 0:12:44- BHLARAG SNIFFS - Oh, Bhlarag!

0:12:45 > 0:12:48Seo an rud as neonaiche a chunnaic mi riamh!

0:12:48 > 0:12:51A Phaids, tha deagh shron agadsa.

0:12:51 > 0:12:53Feuch 's gun dean thu a-mach de th' ann!

0:12:53 > 0:12:54PAIDS SNIFFS

0:12:54 > 0:12:56Chan eil sion a dh' fhios agamsa.

0:12:56 > 0:12:58Chan eil mise a' faileadh ach sneachda!

0:12:58 > 0:13:01Uill tha mise dol a chladhach feuch 's de th' ann.

0:13:05 > 0:13:10Chan eil mise tuigsinn seo idir, Phaids! Chan eil sion ann!

0:13:10 > 0:13:14An uairsin chunnaic Paids cnap eile, 's chaidh e choimhead de bh'ann.

0:13:14 > 0:13:16Seall, seo fear eile!

0:13:17 > 0:13:20A Phaids, tha mi smaointinn gur e taibhs a th' ann! Taibhs sneachda!

0:13:20 > 0:13:23Obh!

0:13:25 > 0:13:28Fhad 's a bha na dealain-de a' cluich san t-sneachda,

0:13:28 > 0:13:31chaidh Blarag agus Paids a dh' fhaicinn an caraid, Gearan.

0:13:31 > 0:13:32'S mar sin, tha mi smaointinn

0:13:32 > 0:13:34gur e taibhs a th' anns a chnap san t-sneachda.

0:13:34 > 0:13:36De tha thu ag radh?

0:13:36 > 0:13:38Cnap beag sneachda a bhios a gluasad timcheall

0:13:38 > 0:13:39leis fhein 's an uairsin dol a sealladh?

0:13:39 > 0:13:42Aidh. Am faca tusa e cuideachd, Ghearain?

0:13:42 > 0:13:46Tha mi ga fhaicinn air do chulaibh an-drasta fhein.

0:13:50 > 0:13:54Sin e! Sin e... an taibhs sneachda, na ruith san t-sneachda!

0:13:54 > 0:13:57Grrrr!! Tha mise dol a dh' fhaicinn de da-rireabh a th' ann.

0:14:02 > 0:14:05O Ghearain! Thoir an aire!

0:14:10 > 0:14:11O! Ow!

0:14:11 > 0:14:14O, Ghearain bhochd. A bheil thu ceart gu leor?

0:14:14 > 0:14:17Tha mi ceart gu leor. Agus tha thu ceart: 's e taibhs a th' ann,

0:14:17 > 0:14:19agus taibhs gu math gleusda cuideachd.

0:14:19 > 0:14:23Uill ma-tha, feumaidh sinne bhith nas gleusda, nach fheum!

0:14:29 > 0:14:32Choimhead Blarag, Paids agus Gearan

0:14:32 > 0:14:35air feadh na coille airson na taibhs.

0:14:38 > 0:14:40Ma sheasas mi air a' chnap shneachda seo,

0:14:40 > 0:14:44chi mi fada bhuam air gach taobh, agus 's docha gum faic mi an taibhs.

0:14:50 > 0:14:54Ooooh! Tha e gluasad! Aaaaaaaah! Oof!

0:15:03 > 0:15:06Hooray! Mu dheireadh thall! Siud i! Fhuair sinn an taibhs!

0:15:06 > 0:15:11Ruith Blarag as deidh na taibhse, feuchainn ri greim fhaighinn oirre.

0:15:11 > 0:15:16Ach ann am priobadh na sula - poof! Chaidh e a-mach a sealladh.

0:15:16 > 0:15:18Bha Blarag bronach.

0:15:18 > 0:15:22Bha i ag iarraidh le a lan-chridhe an taibhs a ghlacadh.

0:15:22 > 0:15:23Ach cha robh i bronach ro fhada,

0:15:23 > 0:15:28agus chum i oirre a' sireadh comhla le a caraidean.

0:15:30 > 0:15:34An taibhs! Thall an siud! Direach air ur culaibh!

0:15:34 > 0:15:37Aah! Aah!

0:15:37 > 0:15:41Tha e tighinn gar faighinn gar n-ionnsaigh!

0:15:41 > 0:15:46Ach bha Blarag treun, 's dh' fhuirich i direach far an robh i.

0:15:47 > 0:15:48Oooh!

0:15:51 > 0:15:52Huh!

0:15:55 > 0:15:57Ow! Ghortaich mi mo shron!

0:15:58 > 0:16:01Chan e taibhs a th' ann idir, ach famh!

0:16:04 > 0:16:06Tha mi air a bhith coimhead airson

0:16:06 > 0:16:08mo dhachaigh fon t-sneachda fad an latha!

0:16:08 > 0:16:10Bha mi ceart fad na h-uine!

0:16:10 > 0:16:12Nach tuirt mi riut nach eil a leithid de rud ann ri taibhs!

0:16:12 > 0:16:14Ha ha!

0:16:16 > 0:16:19Bha Blarag agus a caraidean gle thoilichte.

0:16:19 > 0:16:22Bha iad air diomhaireachd na taibhs shneachda fhuasgladh,

0:16:22 > 0:16:26agus chuidich iad am famh faighinn dhachaigh.

0:16:26 > 0:16:28Taing mhor, a chairdean,

0:16:28 > 0:16:31tha mi uamhasach duilich ma chuir mi an t-eagal oirbh.

0:16:31 > 0:16:33O, na gabh dragh mun a sin,

0:16:33 > 0:16:35cha robh eagal air duine againn, an robh, Phaids?

0:16:35 > 0:16:40Uill, bha beagan dragh ormsa. Ach aig an aon am bha spors againn!

0:16:40 > 0:16:43ALL LAUGH

0:16:45 > 0:16:49An oidhche ud, bha Blarag a' faireachdainn uamhasach sabhailte.

0:16:49 > 0:16:53Cha robh i a' gabhail an eagail ro thaibhsean, oir chan eil iad ann.

0:16:53 > 0:16:55Aislingean math, a Bhlarag.

0:17:15 > 0:17:18Subtitles by Red Bee Media Ltd

0:17:18 > 0:17:21E-mail subtitling@bbc.co.uk