0:00:02 > 0:00:04- Comasach is calma. - Deiseil is deonach.
0:00:04 > 0:00:07Ach saoil co aca as gleusta.
0:00:22 > 0:00:24Halo agus failte gu Gleusta,
0:00:24 > 0:00:27le da sgioba a' feuchainn ri dearbhadh gur
0:00:27 > 0:00:30iadsan as cinntiche, as comasaiche is as tapaidhe.
0:00:30 > 0:00:34'S ann a Portrigh a bhios a' chiad sgioba againn an-diugh,
0:00:34 > 0:00:38ach an toiseach beagan man deidhinn.
0:00:41 > 0:00:46Halo, is mise Rona. 'S ann a Biabost anns an Eilean Sgitheanach a tha mi,
0:00:46 > 0:00:49agus bidh mi a' dol bu Bun-Sgoil Phortrigh.
0:00:49 > 0:00:54Is mise Peigi. Tha mi 11 bliadhna dh'aois agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Phortrigh.
0:00:54 > 0:01:00Tha mi rud beag iomagainneach gun abair mi rudeigin gu cearr,
0:01:00 > 0:01:03ach tha mi toilichte a bhith ann.
0:01:03 > 0:01:10Ann an Gleusta, bhiodh ceistean mu cheol pop math, o chionn gum bi mi ag eisteachd ri moran dheth.
0:01:10 > 0:01:16Tha mi an dochas gum bi ealain ann, seach gum bi mi a' deanamh moran dhealbhan,
0:01:16 > 0:01:20agus matamataigs, seach gu bheil mi math air san sgoil.
0:01:20 > 0:01:25Tha mi cinnteach gum bi mi fhin is mo dheagh charaid Rona 'a buannachadh.
0:01:25 > 0:01:31- Tha na Sgitheanaich cho gleusta! - Hmmmm! De tha Gleusta a' ciallachadh?
0:01:34 > 0:01:36Sin agaibh gaisgich Phortrigh,
0:01:36 > 0:01:42Ann am mionaid, bidh fios aca co an gaisgeach a chuidicheas iad an-diugh.
0:01:42 > 0:01:47Mus faic iad co e, chi sinn co am beachd aigesan air na bhios roimhe.
0:01:47 > 0:01:52Halo! Is mise Aonghas. 'S ann a Borgh a tha mi agus bidh mise comhla ri sgioba Phortrigh.
0:01:52 > 0:01:58'S iad na rudan as fhearr agam a chuidicheas sinn ann an Gleusta m' eolas air iomadh cuspair -
0:01:58 > 0:02:04fuinneadh, cocaireachd, seinn, dannsa, sabaid...
0:02:04 > 0:02:08'S e an t-aon uallach orm, nam biodh agam ri ballet a dheanamh.
0:02:08 > 0:02:12Cha bhi mi a' coimhead ro tharraingneach ann an tutu.
0:02:12 > 0:02:19Sin agaibh sgioba Phortrigh, agus air aigh acasan 's e fear a tha cleachdte ri ard-lar.
0:02:19 > 0:02:23'S cinnteach gum bi drama gu leor ann an Gleusta le Aonghas MacLeoid.
0:02:23 > 0:02:27Failte gu Gleusta! A Pheigi, ciamar a tha thusa an-diugh?
0:02:27 > 0:02:29Tha gu math, tapadh leibh.
0:02:29 > 0:02:33Gle mhath! Agus a Rona, a bheil duil agad gum bi Aonghas math air na ceistean a fhreagairt?
0:02:33 > 0:02:39- Tha!- Aonghais, ciamar a tha thusa a' faireachdainn mu na dubhlain romhad?
0:02:39 > 0:02:42- Gu math misneachail. - Math fhein! Tapadh leibhse!
0:02:42 > 0:02:46Tha sgioba eile againn a' feitheamh air spairn anns an stiuideo.
0:02:46 > 0:02:49An toiseach, gheibh sinn a-mach mun dithis aca.
0:02:52 > 0:02:58Haidh! Is mise Jennifer agus tha mi 11 bliadhna dh'aois agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Mhallaig.
0:02:58 > 0:03:03Haidh! Is mise Amy. Tha mi 10 blaidhna dh'aois agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Mhallaig.
0:03:03 > 0:03:10'S iad na talantan agam coimpiutaireachd agus seinn.
0:03:10 > 0:03:14Tha mise a' toirt fiuthar ri stiuideo Ghleusta fhaicinn,
0:03:14 > 0:03:19agus tha mi cho toilichte a bhith anns an sgioba comhla ri Jennifer.
0:03:19 > 0:03:24Hmmm! De tha gleusta a' ciallachadh?
0:03:27 > 0:03:30Saoil co am fear a chuireas taic ris an sgioba eile.
0:03:30 > 0:03:35'S mise Gilleasbaig Fearghasdan, agus 's ann as an Eilean Sgitheanaich a tha mi.
0:03:35 > 0:03:37Bidh mise a' cluich an-diugh comhla ri sgioba Mhallaig.
0:03:37 > 0:03:41Theirinn ris an sgioba eile:
0:03:41 > 0:03:45cuimnichibh a bhith an sas ann an rud agus chan e buannachadh cnag na cuise.
0:03:45 > 0:03:51Tha sin a cheart cho math, on a bhios sinne, sgioba Mhallaig, a' buannachadh.
0:03:51 > 0:03:58Tha mise deonach a bhith a' deanamh rud sam bith, ach 's e aon rud a chuireadh eagal orm - seinn.
0:03:58 > 0:04:01Sin agaibh sgioba Mhallaig!
0:04:01 > 0:04:06Tha iadsan air an doigh an-diugh a bhith ann an cuideachd fir a tha gu math sgileil,
0:04:06 > 0:04:09eadar theagasg is eadar-theangachadh.
0:04:09 > 0:04:12'S iongantach mura h-ionnsaich e fhein rud no dha an-diugh air Gleusta.
0:04:12 > 0:04:15Co th' ann ach Gilleasbaig Fearghasdan.
0:04:15 > 0:04:20Failte dhuibh uile! Jennifer, ciamar a tha thusa a' faireachdainn?
0:04:20 > 0:04:25Tha mi a' faireachdainn iomaigneach is air bhioran.
0:04:25 > 0:04:27An da rud! Gle mhath.
0:04:27 > 0:04:35- Amy, de na cuspairean as fhearr leat? - Is toil leam leughadh is sgriobhadh.
0:04:35 > 0:04:37'S docha gun nochd sin - co aige tha fios?
0:04:37 > 0:04:42A Ghilleasbaig, a bheil thu an duil gum bi farpais mhor eadar thu fhein agus Aonghas?
0:04:42 > 0:04:46Bithidh blar ann, tha mi a' smaoineachadh.
0:04:46 > 0:04:48Och, tha mi 'n dochas nach bi!
0:04:48 > 0:04:50- Gur math theid leibh uile! - Moran taing.
0:04:50 > 0:04:54Chan fhaigh na sgiobaidhean moran fois an-diugh,
0:04:54 > 0:04:58le 5 cuairtean 's de dhubhlain ach le torr spors.
0:04:58 > 0:05:06Bithidh an da sgioba againn a' spairn le cheile gus and duais riochdail o Ghleusta a thoirt leotha.
0:05:06 > 0:05:10Saoil cait an teid i an-diugh - do sgioba Mhallaig no do sgioba Phortrigh?
0:05:10 > 0:05:13Chi sinn a dh'aithghearr co aca as gleusta.
0:05:17 > 0:05:22Nach toisich sinn, ma-tha! Anns a' chiad chuairt, ni sinn deuchainn air ur n-eolas.
0:05:22 > 0:05:26Chi sibh sreath de dh'fhaclan. Air cul gach facail tha dealbh,
0:05:26 > 0:05:28agus ceist crochte ri gach dealbh.
0:05:28 > 0:05:34Taghaidh sibhse facal - nochdaidh an uairsin dealbh, agus cuiridh sinn ceist dha reir.
0:05:34 > 0:05:38Geibh sibh 10 puingean do fhreagairt a tha ceart.
0:05:38 > 0:05:44Ta, tha ceistean nan aoighean rud beag eadar-dhealaichte, oir tha iad sin fada nas dorra.
0:05:44 > 0:05:49Toisichidh sinn le Peigi o sgioba Phortrigh.
0:05:49 > 0:05:52De a' chiad fhacal a tha thu ag iarraidh?
0:05:52 > 0:05:54Purpaidh.
0:05:54 > 0:05:59Gle mhath. Ainmich ceithir dhe na dathan anns a' bhogha-fhroise.
0:06:01 > 0:06:08Dearg, gorm, buidhe agus purpaidh.
0:06:08 > 0:06:10Nach math a rinn thu! Bha siud ceart.
0:06:10 > 0:06:13Nise, Aonghais, de am facal a thaghas tu?
0:06:13 > 0:06:15Muir.
0:06:15 > 0:06:16Muir - sin thu fhein.
0:06:16 > 0:06:20Ainmich an t-oran anns a bheil na faclan seo:
0:06:20 > 0:06:23Ruith na muic-mhara ri gaillean sa chuan,
0:06:23 > 0:06:27Mo mheoirean air reothadh a dh'aindeoin a bhith cruaidh.
0:06:34 > 0:06:37Eh - "Einnsean, tractar agus bhan".
0:06:37 > 0:06:38Tha mi duilich!
0:06:38 > 0:06:41"'S truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tir."
0:06:41 > 0:06:45- A! Duilich mu dheidhinn sin. - De mu do dheidhinn fhein, a Rona?
0:06:45 > 0:06:47Mor.
0:06:47 > 0:06:49Gle mhath.
0:06:49 > 0:06:52De an t-ainm a th' air a' chuan eadar Breatann agus Ameireagaidh?
0:06:54 > 0:06:55An Atlantic.
0:06:55 > 0:06:59'S e. Tha thu ceart - an Cuan Siar a th' ann. 'S math a rinn thu.
0:06:59 > 0:07:02A Pheigi, de bhios tu a' gabhail an turas seo?
0:07:02 > 0:07:03Caite.
0:07:03 > 0:07:08Sin thu fhein. Caite bheil Taigh Iain Ghroid?
0:07:08 > 0:07:10Chan eil fios agam.
0:07:10 > 0:07:12Tha mi duilich - air taobh tuath na h-Alba.
0:07:14 > 0:07:16Aonghais, de am facal a tha thusa ag iarraidh?
0:07:16 > 0:07:18Blar.
0:07:18 > 0:07:20Gle mhath.
0:07:20 > 0:07:22De a' bhliadhna anns an robh Blar Chuil-Lodair?
0:07:22 > 0:07:28E, 17...
0:07:28 > 0:07:34e...46.
0:07:34 > 0:07:37- Math fhein!- Bha sin doirbh.
0:07:39 > 0:07:42De tha air fhagail dhut ach leabhar.
0:07:42 > 0:07:46De bhiodh Raibeart Burns a' sgriobhadh?
0:07:50 > 0:07:52Bardachd.
0:07:52 > 0:07:55- Sin thu fhein! Gle mhath, gu dearbha! - Nach math a rinn sibhse!
0:07:55 > 0:08:00Faodaidh sibhse suidhe air ais ach am faic sinn mar a theid dhan sgioba eile.
0:08:00 > 0:08:07Gheibh sibhse 6 facalan as ur. Bidh sibh eolach air mar a dh'obraicheas seo a-nis.
0:08:07 > 0:08:11Faclan an toiseach - an uairsin chi sibh dealbh, agus an uairsin cuiridh sinne ceistean oirbh.
0:08:11 > 0:08:15Jennifer an toiseach - de am facal a tha thusa ag iarraidh?
0:08:15 > 0:08:17Bainne.
0:08:17 > 0:08:23Gle mhath. Ainmich aon bheathach eile om faighear bainne, a bharrachd air boin.
0:08:23 > 0:08:25Goat.
0:08:25 > 0:08:31- Math fhein - gobhar. Sgoinneil! - Nis, a Ghilleasbaig, de ghabhas tusa?
0:08:31 > 0:08:32Gabhaidh mise duthaich.
0:08:32 > 0:08:37Co mheud rionnach is sreath a th' ann am bratach USA?
0:08:42 > 0:08:44Tha 50 rionnag.
0:08:44 > 0:08:47- Gu dearbh.- Agus, o...
0:08:51 > 0:08:5313 sreathan.
0:08:53 > 0:08:54Shin thu fhein! Gle mhath!
0:08:54 > 0:08:57Amy, de am facal a thaghas tusa?
0:08:57 > 0:08:58Baile.
0:08:58 > 0:09:00Gle mhath.
0:09:00 > 0:09:03De am baile anns a bheil Parlamaid na h-Alba?
0:09:03 > 0:09:05Dun Eideann.
0:09:05 > 0:09:07- Math fhein!- Sgoinneil!
0:09:07 > 0:09:10Dhutsa a-nis, Jennifer. De th' agadsa?
0:09:10 > 0:09:12Film.
0:09:12 > 0:09:15Gle mhath. Chi sinn na th' agadsa.
0:09:15 > 0:09:19De an t-ainm eile a th' air Agent 007?
0:09:19 > 0:09:21James Bond.
0:09:21 > 0:09:22Sin thu fhein! Gle mhath.
0:09:22 > 0:09:26A Ghilleasbaig, de tha thusa ag iarraidh?
0:09:26 > 0:09:28- Am faigh mise coille? - Coille.
0:09:28 > 0:09:33Ainmich 3 craobhan a bhios a' riochdachadh na h-aibideil Gaidhlig.
0:09:33 > 0:09:41Beithe, darach agus...
0:09:41 > 0:09:43ailm.
0:09:43 > 0:09:45Math fhein! 'S math a rinn sibh!
0:09:45 > 0:09:51Agus aig an deireadh 's e milis a th' air fhagail dhut.
0:09:51 > 0:09:55De am biadh milis a bhitheadh tu a' faighinn bho sheillean?
0:09:57 > 0:09:58Honey.
0:09:58 > 0:10:02Sin thu fhein! Mil. Gle mhath. Nach do rinn sibh sgoinneil an sin!
0:10:02 > 0:10:05Sin agaibh a' chiad chuairt de Ghleusta.
0:10:05 > 0:10:08Ach tha torr spors fhathast ri fhaicinn.
0:10:08 > 0:10:11Ciamar a tha na puingean?
0:10:11 > 0:10:15As deidh na ciad chuairt, tha 40 puing aig sgioba Phortrigh,
0:10:15 > 0:10:18agus 60 puing aig sgioba Mhallaig.
0:10:20 > 0:10:26Anns a' chuairt seo, chan fheumadh sibhse moran a dheanamh - direach fois a ghabhail le,
0:10:26 > 0:10:28's docha, gaire bheag no dha.
0:10:28 > 0:10:32Bheir sinn dubhlan iongantach do na h-aoighean agaibh.
0:10:32 > 0:10:38Seo Kelly agus Lynn, a ni taisbeanadh sonraichte dhuinn.
0:10:38 > 0:10:42A bheil sibh deiseil, ma-tha? 3 - 2 - 1 - siuthadaibh!
0:11:31 > 0:11:35Bha sin miorbhaileach! Taing mhor gu dearbh!
0:11:35 > 0:11:37Chord sin riumsa gu glan!
0:11:37 > 0:11:41Chan eil mi cho cinnteach ciamar a chord sin ri Aonghas is Gilleaspaig,
0:11:41 > 0:11:44ge-ta. A bheil sibh airson sin fheuchainn?
0:11:44 > 0:11:46Thigibh an seo!
0:11:49 > 0:11:51Bithibh sibh sgoinneil, tha mi cinnteach.
0:11:51 > 0:11:54Chan fheumadh sibh ach an dearbh rud a dheanamh.
0:11:54 > 0:11:57Direach an dearbh rud a rinn iadsan?
0:11:57 > 0:11:58Tha sin simplidh!
0:11:58 > 0:12:02Tha e furasta gu leor, chanainn. Ciamar a tha thu fhein a' faireachdainn?
0:12:02 > 0:12:03Subailte!
0:12:03 > 0:12:08Sin thu fhein! Feumaidh sibh sin a thoirt seachad.
0:12:08 > 0:12:09Gle mhath.
0:12:17 > 0:12:20A bheil sibh gu math? Sgoinneil!
0:12:20 > 0:12:22A bhalacha!
0:12:22 > 0:12:24- An t-aon rud 's a rinn iadsan? - An t-aon rud.
0:12:24 > 0:12:27Cho furasta 's a ghabhas!
0:12:27 > 0:12:29Tha an ceol gu bhith ann, ma-tha.
0:12:29 > 0:12:333 - 2 - 1 - siuthadaibh!
0:13:24 > 0:13:263 - 2 - 1 - stadaibh!
0:13:26 > 0:13:33Stadaibh! Stadaibh! Bha siud miorbhaileach!
0:13:33 > 0:13:36Chord e riumsa direach glan! Bha e barraichte math!
0:13:36 > 0:13:39An rud a b' fhearr a chunnaic mi riamh. Ciamar a tha sibhse a'
0:13:39 > 0:13:43faireachdainn? Rud beag sgith, 's docha?
0:13:43 > 0:13:46- Rud beag. - Toisichidh sinn air companaidh, tha
0:13:46 > 0:13:48mi a' smaoineachadh. Don ath gheama aig Caley Thistle, co-dhiu.
0:13:48 > 0:13:51'S docha gum faic sinn sibh gu dearbha.
0:13:51 > 0:13:55Ciamar a rinn sibh? Bheir Kelly and
0:13:55 > 0:14:00Lynn na puingean seachad. Bha iad math, nach robh?
0:14:00 > 0:14:02Bha iad math.
0:14:02 > 0:14:08- De na puingean a bheireadh tu do Ghilleasbaig?- 40.
0:14:08 > 0:14:14Sin thu fhein! Gle mhath.
0:14:14 > 0:14:16De mu dheidhinn Aonghais?
0:14:16 > 0:14:23- 30. - Sin sibh fhein, ge-ta.
0:14:23 > 0:14:30Sgoinneil fhein! Bheir sin 30 puing to dh'Aonghas
0:14:30 > 0:14:34agus a sgioba, ach gheibh Gilleaspaig agus a sgioba 40 puing.
0:14:34 > 0:14:35Math dha-riribh!
0:14:35 > 0:14:40Ach as deidh sin, ciamar a tha na puingean uile gu leir?
0:14:40 > 0:14:44As deidh na darna cuairt, tha 70 puing aig sgioba Phortrigh.
0:14:44 > 0:14:49Ach le 30 puing a bharrachd, le 10, tha sgioba Mhallaig.
0:14:52 > 0:14:56Chon na treas cuairt, agus cothrom do na sgiobaidhean
0:14:56 > 0:15:00sealltainn cho geur a tha an suilean agus cho math an cuimhne.
0:15:00 > 0:15:02Chi an da sgioba drama ghoirid, agus
0:15:02 > 0:15:06an uairsin bithidh aca ri ceistean a fhreagairt mu na chunnaic iad.
0:15:06 > 0:15:08Gheibh iad 10 puingean do gach
0:15:08 > 0:15:14freagairt cheart - 30 puing an seo. Gheibh sibh cuideachadh o cheile,
0:15:14 > 0:15:17ach chan fhaod sibh sgriobhadh idir.
0:15:17 > 0:15:21Seo an drama agaibhse.Sgioba Phortrigh, toisichidh sibhse.
0:15:34 > 0:15:38Mar sin leat, Iain. Mar sin leat, a Mhairi Anna.
0:15:38 > 0:15:40- Mar sin leibh. - Mar sin leat, a Mhairi Anna.
0:15:40 > 0:15:44- Mar sin leat, Iain.- Mar sin leat, a Charoil. Oidhche mhath, Bill.
0:15:44 > 0:15:45Oidhche mhath.
0:15:45 > 0:15:49- Oidhche mhath. - Tioraidh! Slan leibh.
0:16:11 > 0:16:16Uill, pios gu math inntinneach. A bheil sibh deiseil do na ceistean?
0:16:16 > 0:16:21Gle mhath. Ceist 1. De an dath a bh' air brogan Bill?
0:16:26 > 0:16:30- Donn.- Tha sibh a' smaoineachadh gun robh iad donn.
0:16:30 > 0:16:31Chi sinn an robh sibh ceart.
0:16:33 > 0:16:36Mar a chi sibh, tha iad geal an sin.
0:16:36 > 0:16:40Tha mi duilich. Seo an darna ceist agaibh.
0:16:40 > 0:16:41De bha Iain a' toiseachdainn air
0:16:41 > 0:16:44toirt dheth fhad 's a bha e a' dol suas an staidhre?
0:16:44 > 0:16:47An taidh, tha mi a' smaoineachadh.
0:16:50 > 0:16:53- A bheil cuimhne agaibh idir? - Feuch e.
0:16:53 > 0:16:57- An taidh aige. - Chi sinn a bheil sibh ceart.
0:16:57 > 0:17:00Mar a tha sibh a' faicinn, bha sibh ceart. Gle mhath.
0:17:00 > 0:17:02An treas ceist agaibh.
0:17:02 > 0:17:05De an t-ainm air an dithis a bha a' falbh dhachaigh?
0:17:08 > 0:17:12- Feuch e. - Carol agus Bill.
0:17:12 > 0:17:16Chi sinn a bhei sibh ceart.
0:17:18 > 0:17:20Mar sin leat, a Charoil. Oidhche mhath, Bill.
0:17:20 > 0:17:22Oidhche mhath.
0:17:22 > 0:17:24Gle mhath. Sgoinneil.
0:17:24 > 0:17:26Fhuair sibhse 20 puing an sin. Nach math a rinn sibh!
0:17:26 > 0:17:28Sgioba Mhallaig, thoiribh suil air
0:17:28 > 0:17:31na sgailein agaibh agus thig na ceistean a dh'aithghearr.
0:17:39 > 0:17:42O! Cait an deach thu?
0:17:42 > 0:17:44- A! - Uill?
0:17:44 > 0:17:46Uill!
0:17:50 > 0:17:54- Cait an deach thu? - Chaidh mi dhan bhaile!
0:18:13 > 0:18:16Seo a-nist! A bheil sibh deiseil do na ceistean agaibh?
0:18:16 > 0:18:18- Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. - Gle mhath. Ceist 1.
0:18:18 > 0:18:22Co a' ghualainn air an robh am baga aig Mairi Anna?
0:18:22 > 0:18:26O! An e cli no deas? An te seo no an te seo?
0:18:26 > 0:18:29A bheil cuimhne agaibh? 'S e baga dubh a bh' ann.
0:18:29 > 0:18:31Bha e air an taobh sin. An taobh seo?
0:18:31 > 0:18:35A bheil thu a' smaoineachadh sin? A bheil sin ceart?
0:18:35 > 0:18:39- Air an taobh cheart. - Air an taobh cheart.
0:18:39 > 0:18:42Gle mhath. Bheir sinn suil eile.
0:18:43 > 0:18:45Agus tha sibh ceart. 'S math a rinn thu! Gle mhath.
0:18:45 > 0:18:47Cha bhithinn fhinn air sin fhaighinn ceart idir.
0:18:47 > 0:18:51Seo and darna ceist agaibh. De an dath a bh' air a' bhriogais
0:18:51 > 0:18:53air Mairi Anna?
0:18:53 > 0:18:57An dubh le buill gheala, no geal le buill dubha?
0:18:57 > 0:19:01Dubh le buill gheala.
0:19:01 > 0:19:04Bheir sinn suil a-rithist.
0:19:04 > 0:19:07Math dha-riribh! Tha sibh ceart a-rithist.
0:19:07 > 0:19:10Seo a' cheist mu dheireadh agaibh.
0:19:10 > 0:19:12Co mu dheidhinn a bha Mairi Anna a' leughadh?
0:19:12 > 0:19:15- "The Highway Code". - 'S e.
0:19:19 > 0:19:23- "The Highway Code". - Chi sinn a bheil sibh ceart.
0:19:24 > 0:19:28Agus a-rithist, tha sibh ceart. Nach math a rinn sibh.
0:19:28 > 0:19:31Fhuair sibhse 30 puing an sin. Sgoinneil fhein!
0:19:31 > 0:19:34Chi sinn a-nis ciamar a tha na puingean.
0:19:34 > 0:19:39As deidh sin tha 90 puing air sgioba Phortrigh,
0:19:39 > 0:19:42ach air thoiseach orra, le 130
0:19:42 > 0:19:44puing, tha sgioba Mhallaig.
0:19:47 > 0:19:50'S e rolaiste no firinn cuspair na cuairt seo.
0:19:50 > 0:19:53Co aig a bheil an rolaiste is co aig a bheil an fhirinn?
0:19:53 > 0:19:58Cluinnidh sinn da phios de dh'shios o gach aoigh - aon a bhios fior agus
0:19:58 > 0:20:05aon nach eil. Toisichidh leatsa, Aonghais.
0:20:05 > 0:20:10Leughaidh Peigi agus Rona da phios de dh'fhios mu do dheidhinn.
0:20:10 > 0:20:16An uairsin bidh aig sgioba Mhallaig ri tomhas a dheanamh
0:20:16 > 0:20:19do dhiubh a tha dha-riribh.
0:20:19 > 0:20:23Ma lorgas iad an fhirinn, gheibh iad 20 puing.
0:20:23 > 0:20:27A Pheigi, an leugh thusa na th' agadsa mu dheidhinn Aonghais?
0:20:27 > 0:20:31Nuair a bha Aonghas ann an Clas 7, cha leigeadh leis deuchainn a
0:20:31 > 0:20:33chomais air rothar a dheanamh,
0:20:33 > 0:20:36leis cho truagh 's a bha e air rothar.
0:20:36 > 0:20:40Truagh air an rothar! A Rona, de th' agadsa?
0:20:40 > 0:20:43Nuair a bha Aonghas ann an Clas 7
0:20:43 > 0:20:48bha e fior mhath air snamh, agus bha an deise-shnaimh aige
0:20:48 > 0:20:50comhdaichte le braistean.
0:20:50 > 0:20:53Gle mhath. Da sgeulachd gu math inntinneach an sin.
0:20:53 > 0:20:56Faodaidh sibh obrach mar sgioba, agus da cheist
0:20:56 > 0:20:58a chur air Aonghas mu na chuala sibh.
0:20:58 > 0:21:01De an t-astar a bu mhotha a rinn thu nuair a bha
0:21:01 > 0:21:03thu a' snamh ann an Clas 7?
0:21:06 > 0:21:08De a' bhraiste a b' fhearr a bh' agad?
0:21:08 > 0:21:11Uill, 2000 meatair.
0:21:11 > 0:21:142000 meatair. Gle mhath. Agus a' cheist eile?
0:21:16 > 0:21:21Carson a bha thu cho dona air an rothar?
0:21:21 > 0:21:27Cha d'fhuair mi baidhg gus an robh mi ann an Clas 6.
0:21:27 > 0:21:30Mar sin, bha mi direach air toiseachadh
0:21:30 > 0:21:33agus bha stabilisers air a' BhMX agam.
0:21:33 > 0:21:38Bhathar a' magadh orm san sgoil,
0:21:38 > 0:21:41agus bha naire orm gabhail ris an deuchainn.
0:21:41 > 0:21:47Ach fhuair mi mu dheireadh thall e.
0:21:47 > 0:21:49A bheil thusa a' creidsinn sin, Jennifer? A bheil beachd agaibh?
0:21:49 > 0:21:56- Rud beag.- Amy, an e an fhirinn a tha sin, no rolaiste?
0:21:56 > 0:21:58De tha thusa a' smaoineachadh, Jennifer?
0:21:58 > 0:22:04An darna rud - an rud a leugh Rona.
0:22:04 > 0:22:06De tha thusa a' smaoineachadh, Amy?
0:22:06 > 0:22:09An rud a leugh Rona.
0:22:09 > 0:22:16Tha sinn a' smaoineachadh gur e an sgeul air snamh an fhirinn.
0:22:16 > 0:22:18A bheil iad ceart?
0:22:19 > 0:22:24'S e rolaiste a bha agam, ach 's e an fhirinn a th' ann.
0:22:26 > 0:22:29'S e rolaiste a bha agam na bu traithe. 'S e an fhirinn a bh' ann.
0:22:29 > 0:22:34'S math a rinn sibh! Nach math a rinn sibh!
0:22:34 > 0:22:38Sibhse, a-nis. Saoil de na sgeulachdan
0:22:38 > 0:22:42annasach a th' agaibh air Gilleasbaig.
0:22:42 > 0:22:45Jennifer an toiseach.
0:22:45 > 0:22:48Nuair a bha Gilleasbaig 11 bliadhna
0:22:48 > 0:22:53dh'aois, chaill e tarantula mhor anns an taigh bheag.
0:22:53 > 0:22:56O, tha mi 'n dochas nach to chaill.
0:22:56 > 0:23:02- Agus de th' agadsa, Amy? - Nuair a bha Gilleasbaig 10 bliadhna
0:23:02 > 0:23:04dh'aois, chaill e dearc-luachrach ann an sofa.
0:23:04 > 0:23:07De seorsa pheataichean a bh' agadsa?
0:23:07 > 0:23:09- A h-uile seorsa! - Gu dearbha fhein bha!
0:23:09 > 0:23:11De ur beachd air sin?
0:23:11 > 0:23:17Tarantula - damhan-allaidh mor no dearc-luachrach?
0:23:17 > 0:23:19De cho mor 's a bha an dearc-luachrach?
0:23:19 > 0:23:27Bha mun mheudachd sin - 4 no 5 oirleach.
0:23:29 > 0:23:37Caite an deach sibh, nan robh an tarantula san taigh bheag?
0:23:37 > 0:23:42Gu fortanach, bha sinn ann an taigh gu math mor aig an am,
0:23:42 > 0:23:47agus bha da thaigh beag anns an taigh.
0:23:47 > 0:23:49Fear gu h-ard agus fear gu h-iseal.
0:23:49 > 0:23:52Fhad 's a bha an tarantula air chall,
0:23:52 > 0:23:55bhitheadh a h-uile neach a' dol suas an staidhre.
0:24:00 > 0:24:05Tha sinn a' creidsinn gur e an fhirinn a th' anns an sgeul eile,
0:24:05 > 0:24:06mun dearc-luachrach.
0:24:06 > 0:24:08A Ghilleasbaig, a bheil iad ceart?
0:24:08 > 0:24:12- Tha. - Bha an dearc-luachrach air chall.
0:24:12 > 0:24:17Bha e air chall anns an t-sofa fad 3 latha.
0:24:17 > 0:24:21Ach an deidh 3 latha thainig i a-mach, agus cailleach na suidhe air
0:24:21 > 0:24:27an t-sofa - air a gualainn.
0:24:27 > 0:24:30Gle mhath! 'S math a rinn sibh! 20 puing a bharrachd dhuibh.
0:24:30 > 0:24:34As dedh sin, ciamar a tha na puingean uile gu leir?
0:24:34 > 0:24:39As deidh siud tha 110 puing aig sgioba Phortrigh,
0:24:39 > 0:24:42ach 150 aig sgioba Mhallaig.
0:24:45 > 0:24:47Tha e duilich ri chreidsinn, ach
0:24:47 > 0:24:49rainig sinn a' chuair mu dheireadh,
0:24:49 > 0:24:51le direach aon dubhlan ri dheanamh fhathast.
0:24:51 > 0:24:55Mar a chi sibh, tha amar eadar-dhealaichte mur coinneamh.
0:24:55 > 0:25:01An aite uisge, tha e loma-lan de bhuill agus litrichean,
0:25:01 > 0:25:05nam measg an seachd a bhios ann an Gluesta.
0:25:05 > 0:25:10Chan fheum sibh ach an seachd litir a lorg agus a chur suas air a' chlar.
0:25:10 > 0:25:13Gheibh sibh 10 puingean do gach litir a chrochas sibh,
0:25:13 > 0:25:17agus 30 a bharrachd ma chuireas sibh ann uile iad an toiseach.
0:25:17 > 0:25:21Bidh aon bhall de gach sgioba a' crochadh nan litrichean,
0:25:21 > 0:25:25agus an neach eile a' ruith eadar an t-amar agus an clar.
0:25:25 > 0:25:27Agus bithidh sibhse, na h-aoighean,
0:25:27 > 0:25:31air gluinean a' sporghail ach an lorg sibh iad.
0:25:31 > 0:25:37Sporghail gun teagamh, oir bidh seo air an dithis agaibh.
0:25:37 > 0:25:39Seo, Aonghais.
0:25:39 > 0:25:41Agus seo dhut, a Ghilleasbaig.
0:25:41 > 0:25:46Faodaidh sibh dol gu na claran agus na rudan sin a chur oirbh.
0:25:49 > 0:25:51Sgioba Phortrigh, a bheil sibh deiseil?
0:25:51 > 0:25:54THA!
0:25:54 > 0:25:56Sgioba Mhallaig, a bheil sibhse deiseil?
0:25:56 > 0:25:57THA!
0:25:57 > 0:26:003, 2, 1, siuthadaibh!
0:26:52 > 0:26:54Stadaibh far a bheil sibh!
0:26:58 > 0:27:01Abair gun robh sin sporsail!
0:27:01 > 0:27:06Am burach a bha sibh a' deanamh air fheadh!
0:27:06 > 0:27:09Ciamar a chord sin riut, a Ghilleasbaig?
0:27:09 > 0:27:12Chord uamhasach math. Bha an sgioba ag obair fior mhath.
0:27:12 > 0:27:13An robh e math?
0:27:13 > 0:27:14Bha e sgoinneil.
0:27:14 > 0:27:18- De mu do dheidhinn? - Bha e uamhasach math.
0:27:18 > 0:27:19Math fhein! Sgoinneil!
0:27:19 > 0:27:21Agus ciamar a chord sin ribhse?
0:27:21 > 0:27:23Bha e sgoinneil.
0:27:23 > 0:27:27Cho faisg air a chriochnachadh - direach da litir a dhith!
0:27:27 > 0:27:29Abair gun robh sibh faisg air a cheile.
0:27:29 > 0:27:31Ach 's e co-fharpais a th' ann.
0:27:31 > 0:27:33Ciamar a rinn sibh?
0:27:33 > 0:27:38Sgioba Phortrigh, fhuair sibh 5 litrichean.
0:27:38 > 0:27:41Tha sin a' toirt dhuibh 50 puing.
0:27:41 > 0:27:47Sgioba Mhallaig, fhuair sibh am facal air fad!
0:27:47 > 0:27:51Mealaibh ur naidheachd! Bheir sinn dhuibh 70 puing
0:27:51 > 0:27:53agus 30 a bharrachd.
0:27:53 > 0:27:55Sin deireadh nan geama gu leir,
0:27:55 > 0:28:02ciamar a tha na puingean? Steaphain, tha fios nas fhearr agadsa.
0:28:02 > 0:28:05Tha gu dearbh. Faodaidh mi innse dhuibh an-diugh
0:28:05 > 0:28:08gun d'fhuair sgioba Phortrigh 160 puing.
0:28:08 > 0:28:12Ach a' buannachadh, le 250 puing, 's e sgioba Mhallaig.
0:28:12 > 0:28:14Nach math a rinn sibh!
0:28:14 > 0:28:19- Mealaibh ur naidheachd. Seo dhuibh! - Cumaibh sibh seo.
0:28:19 > 0:28:24Ar taing cuideachd do na h-aoighean -
0:28:24 > 0:28:29do dh'Aonghas agus Gilleasbaig on a bha iad cho deonach agus sporsail.
0:28:29 > 0:28:33Bithidh Gleusta air ais a dh'aithghearr le sgiobaidhean ura
0:28:33 > 0:28:36agus aoighean ura, agus chi sinn co aca as gleusta.
0:28:36 > 0:28:38Tioraidh!
0:28:40 > 0:28:45Bha Gleusta math is sgoinneil.
0:28:45 > 0:28:50Is toil leamsa a' phairt de Gleusta nuair a bha sinn a' buannachadh.