Episode 5

Download Subtitles

Transcript

0:00:02 > 0:00:07- Fiosrachail is foighidneach. - Tapaidh is toilichte. - Ach saoil co aca as gleusta?

0:00:22 > 0:00:26Halo agus failte gu Gleusta, anns am bi da sgioba a' feuchainn ri

0:00:26 > 0:00:30dearbhadh gur iadsan as cinntiche, as comasaiche agus as cairdeile.

0:00:30 > 0:00:35Tha a' chiad sgioba a' tadhal oirnn a Bun-Sgoil Steornabhaigh ann an Leodhas.

0:00:35 > 0:00:39Coinnichidh sin riutha fhathast, ach an toiseach beagan man deidhinn.

0:00:42 > 0:00:46De tha gleusta a' ciallachadh.

0:00:46 > 0:00:49Haidh! Is mise Sian. Tha mi 11 bliadhna dh'aois

0:00:49 > 0:00:51agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Steornabhaigh.

0:00:51 > 0:00:54Haidh! Is mise Freya. 'S ann a Leodhas a tha mi

0:00:54 > 0:00:57agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Steornabhaigh.

0:00:57 > 0:01:02Bhithinn toilichte nam biodh na ceistean aig Gleusta mu Glee,

0:01:02 > 0:01:05X Factor agus SpongeBob SquarePants,

0:01:05 > 0:01:08oir tha mi gle eolach air na programan sin.

0:01:08 > 0:01:11Tha mi an duil torr cheistean duilich.

0:01:11 > 0:01:15Is caomh leam dubhlain, is tha mi an dochas gum bi mi math.

0:01:15 > 0:01:19Tha mi toilichte a bhith air Gleusta -

0:01:19 > 0:01:21's e cothrom math a th' ann.

0:01:21 > 0:01:28Tha mi proiseil gun deach mise agus Freya a thaghadh as a' chlas againn.

0:01:28 > 0:01:33Chan eil ann an sin ach dithis, ged a bhios triuir nar sgiobaidhean.

0:01:33 > 0:01:36Saoil co bhios gan cuideachadh an-diugh.

0:01:36 > 0:01:38Gheibh sibh mach an-drasta fhein.

0:01:38 > 0:01:41Is mise Siobhan. 'S ann as Eilean Leodhais a tha mi,

0:01:41 > 0:01:44agus bidh mise comhla ri sgioba Steornabhaigh.

0:01:44 > 0:01:50Tha mi uamhasach toilichte gu bheil sgioba Steornabhaigh agam oir 's ann a Leodhas a tha mi. Yes!

0:01:50 > 0:01:55Chanainnsa gu bheil mi math air obair ann an sgioba

0:01:55 > 0:02:00ach math air smaoineachadh agus obair air mo cheann fhin cuideachd.

0:02:00 > 0:02:02Sin Bun-Sgoil Steornabhaigh,

0:02:02 > 0:02:06agus air aoigheachd aca te air a bheil sinn uile eolach -

0:02:06 > 0:02:11te a bhios air De A-Nis?, Siobhan NicAonghais. Failte oirbh gu Gleusta!

0:02:11 > 0:02:15Sian, a bheil thu dhen bheachd gu bheil Siobhan clever?

0:02:15 > 0:02:17- Tha.- Gle mhath.

0:02:17 > 0:02:21Agus, Freya, de na cuspairean air am bi i math?

0:02:21 > 0:02:24Tha mi 'n dochas a h-uile fear dhiubh.

0:02:24 > 0:02:28Sgoinneil! Siobhan, a bheil uallach mor ort an-diugh?

0:02:28 > 0:02:33O, tha! Tha mi direach nam chrith an seo. Tha mi an dochas gum

0:02:33 > 0:02:36freagair mi co-dhiu aon cheist gu ceart.

0:02:36 > 0:02:38Bithidh sibh math gu leor, tha mi cinnteach. Moran taing.

0:02:38 > 0:02:43Tha an sgioba eile againn an-diugh air siubhal a baile mor Dun Eideann.

0:02:43 > 0:02:47An-drasta, an dithis anns an sgioba sin.

0:02:50 > 0:02:54Hm! De tha gleusta a' ciallachadh?

0:02:55 > 0:02:58Haidh! Is mise Cara. Tha mi 11 bliadhna dh'aois

0:02:58 > 0:03:02is bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Croise na Cise an Dun Eideann.

0:03:02 > 0:03:06Haidh! Is mise Amy agus tha mi 11 bliadhna dh'aois

0:03:06 > 0:03:11agus bidh mi a' dol gu Bun-Sgoil Crois na Cise an Dun Eideann.

0:03:11 > 0:03:14Bidh sinn ag obair comhla anns an sgoil,

0:03:14 > 0:03:17agus a' deanamh torr rudan comhla.

0:03:17 > 0:03:23'S toil leinn na h-aona rudan, mar chlarsaireachd agus netball.

0:03:23 > 0:03:29Ni mise agus Cara sgioba math o chionn 's gum bi sinn ag

0:03:29 > 0:03:35obair gu math comhla, agus tha sinn uamhasach gleusta.

0:03:35 > 0:03:39Saoil co an treas neach a bhios comhla riuthasan.

0:03:39 > 0:03:41Is mise Derek Mac an Toisich,

0:03:41 > 0:03:43agus 's ann bho Uibhist a Tuath a bha mi o thus.

0:03:43 > 0:03:46Tha mise gu bhith a' cluich airson sgioba Crois na Cise.

0:03:46 > 0:03:51Chanainn ris an sgioba eile gum bi sinne luath, easgaidh agus biorach.

0:03:51 > 0:03:53Mar sin, thoiribh an aire!

0:03:53 > 0:03:59Cha bhithinn ro mhath air ceistean air poileataigs.

0:03:59 > 0:04:03Chan e sin an cuspair as fhearr leam.

0:04:03 > 0:04:09Ach bhithinn uamhasach math air ceistean air ceol pop.

0:04:09 > 0:04:13Sin sgioba Bun-Sgoil Crois na Cise.

0:04:13 > 0:04:20Tha iadsan air doigh gu bheil Derek Mac an Toisich comhla riutha an-diugh.

0:04:20 > 0:04:24Failte mhor dhuibh uile dhan phrogram.

0:04:24 > 0:04:27Thusa an toiseach, Amy. A bheil e neonach gaisgeach a bhith rid thaobh?

0:04:27 > 0:04:35Tha o chionn 's nach fhaca mi roimhe

0:04:35 > 0:04:38e ach air an TBh.

0:04:38 > 0:04:41Tha e gu math sonraichte, nach eil?

0:04:41 > 0:04:44A Chara, de na ceistean as fhearr leatsa?

0:04:44 > 0:04:47'S toil leam ceistean furasta!

0:04:47 > 0:04:48Sin thu fhein!

0:04:48 > 0:04:53Agus Derek, tha thus cleachdte ri bhith ag obair ri taobh Siobhain.

0:04:53 > 0:04:57Saoil ciamr a theid dhut fhad 's a bhios tu ag obair na h-aghaidh.

0:04:57 > 0:04:58Erm...

0:04:58 > 0:05:02Saoilidh mi gun teid leinn gle mhath. Tha sgioba laidir againn.

0:05:02 > 0:05:06Ni sinn gle mhath, saoilidh mi.

0:05:06 > 0:05:08Guma math theid leibh uile.

0:05:08 > 0:05:12Chan fhaigh sibh tamh an-diugh, le 5 cuairtean de cheistean

0:05:12 > 0:05:16is de dhubhlain, ach bidh torr spors nam measg cuideachd.

0:05:16 > 0:05:22Bithidh an da sgioba a' stri gu laidir gus duais alainn Ghleusta

0:05:22 > 0:05:25a thoirt dhachaigh leotha.

0:05:25 > 0:05:29Saoil an teid i a Dhun Eideann no a Leodhas an-diugh?

0:05:29 > 0:05:32Chi sinn a dh'aithghearr co aca as gleusta.

0:05:35 > 0:05:39Toisichidh sin air an fharpais, agus anns a' chiad chuairt chi sinn

0:05:39 > 0:05:41de cho fiosrachail 's a tha sibh.

0:05:41 > 0:05:44Chi sibh sreath de dh'fhaclan agus air cul gach facail bidh

0:05:44 > 0:05:45dealbh agus ceist.

0:05:45 > 0:05:48Taighaibh sibh facal, nochdaidh an dealbh,

0:05:48 > 0:05:51agus faighnichidh sinn ceist.

0:05:51 > 0:05:57Bidh 10 puing air gach freagairt a bhios ceart, ach bidh ceistean do

0:05:57 > 0:06:01na h-aoighean fada nas dorra. Nach toisicheamaid!

0:06:03 > 0:06:07Toisichidh sinn le sgioba Steornabhaigh,

0:06:07 > 0:06:09agus thugadsa, a Shiobhan.

0:06:09 > 0:06:11De am facal a bhios tusa ag iarraidh?

0:06:11 > 0:06:13Er...

0:06:13 > 0:06:16- Ealain. - Gle mhath.

0:06:16 > 0:06:20Co a pheant an dealbh ainmeil Mona Lisa?

0:06:20 > 0:06:25An e Leonardo da Vinci, Picasso no Vincent Van Gogh?

0:06:26 > 0:06:28Leonardo da Vinci.

0:06:28 > 0:06:31Tha thu ceart! Is math a rinn thu.

0:06:31 > 0:06:35Nise, a Shiobhan, de am facal a bhios tu fhein a' taghadh?

0:06:35 > 0:06:36Aiseag.

0:06:36 > 0:06:39Co mheud aite, a reir CalMac,

0:06:39 > 0:06:42a bhios iad a' seoladh air taobh siar na h-Alba?

0:06:42 > 0:06:46Mo chreach!

0:06:46 > 0:06:48Erm...

0:06:49 > 0:06:52- 30?- Duilich - 24.

0:06:52 > 0:06:53Cho faisg!

0:06:53 > 0:06:56Freya, a nis. De am facal a tha thusa ag iarraidh?

0:06:56 > 0:06:59- Fuar.- Gle mhath.

0:06:59 > 0:07:02Ainmich aon de mhiosan a' gheamhraidh.

0:07:02 > 0:07:04Am Faoilleach.

0:07:04 > 0:07:07- Math fhein! Sgoinneil! - Air ais thugadsa, a Shiobhain.

0:07:07 > 0:07:09De a bhios tusa a' faighinn an turas seo?

0:07:09 > 0:07:13- Coille. - Sin thu fhein!

0:07:13 > 0:07:17De a' choille anns an robh Robin Hood a' fuireach?

0:07:20 > 0:07:22Och, chan eil fhios agam!

0:07:23 > 0:07:25BUZZER

0:07:25 > 0:07:28Tha mi duilich! 'S e Sherwood Forest a bh' ann.

0:07:28 > 0:07:30Siobhan a-rithist.

0:07:30 > 0:07:33- Gainmheach.- Gle mhath.

0:07:33 > 0:07:38Ainmich traigh a chaidh a chleachdadh airson an fhilm Local Hero.

0:07:38 > 0:07:42Traigh ann am Morar a bh' ann, an e?

0:07:42 > 0:07:47- Tha thu ceart! 'S math a rinn thu!- Sgoinneil!

0:07:47 > 0:07:51Agus aig an deireadh, 's e Feis a th' air fhagail agad.

0:07:51 > 0:07:56De an t-ainm air an fheis Ghaidhlig as motha ann an Alba?

0:07:59 > 0:08:00Am Mod Naiseanta.

0:08:00 > 0:08:02Sin thu fhein! Gle mhath!

0:08:02 > 0:08:05Bha sibhse sgoinneil ann a shin.

0:08:05 > 0:08:08Chan fheum sibh corr a dheanamh am poile seo,

0:08:08 > 0:08:11gus am faic sibh mar a theid dhan sgioba eile.

0:08:11 > 0:08:18Gheibh sibhse 6 faclan ura. Amy, de a' chiad fhacal a thaghas tusa?

0:08:18 > 0:08:21- Spors.- Gle mhath.

0:08:21 > 0:08:25Ainmich am fear no te a bhios a' cuideachadh neach-cluich goilf,

0:08:25 > 0:08:30a' giulan baga is eile.

0:08:30 > 0:08:35A bheil fhios agad co bhios a' toirt taic ri cluidheadairean-goilf.

0:08:35 > 0:08:36Caddy.

0:08:36 > 0:08:38Bha thu ceart - gu math glic!

0:08:38 > 0:08:42Derek A-Nis - de am facal a chordadh riut?

0:08:42 > 0:08:46Nise, taghaidh mi...

0:08:46 > 0:08:49Cia mheud?

0:08:49 > 0:08:52De as fhaide - slat no meatair?

0:08:52 > 0:08:54Slat.

0:08:54 > 0:08:57Duilich! 'S e meatair a th' ann.

0:08:57 > 0:09:00A chara, de am facal a tha thusa ag iarraidh?

0:09:00 > 0:09:02Film.

0:09:02 > 0:09:05Film. Gle mhath.

0:09:05 > 0:09:07De an t-ainm air treanaichean

0:09:07 > 0:09:10a bhios a' nochdadh ann an leabhraichean Harry Potter?

0:09:10 > 0:09:12Hogwarts Express?

0:09:12 > 0:09:14Sgoinneil! Tha thu ceart!

0:09:14 > 0:09:17Amy a-rithist. De thaghas tu an turas seo?

0:09:17 > 0:09:18Caite.

0:09:18 > 0:09:23Caite. Sin thu fhein! Caite bheil Uluru, Taigh Opera Sydney

0:09:23 > 0:09:27agus an Great Barrier Reef?

0:09:27 > 0:09:30- Astrailia.- Sin thu fhein. Gle mhath!

0:09:30 > 0:09:33Derek a-rithist. Saoilidh mise gun tagh mi Sgriobh.

0:09:33 > 0:09:37Gle mhath. De an t-ainm a th' air an ughdar

0:09:37 > 0:09:40Shuaineach a sgriobh "The Girl with the Dragon Tattoo"?

0:09:44 > 0:09:45An do leugh thu riamh e?

0:09:45 > 0:09:50Cha do leugh. Chan eil mi buileach cinnteach, agus...

0:09:52 > 0:09:55..cha chreid mi gu bheil fiu tuairmse nam cheann.

0:09:55 > 0:09:59Tha mi duilich. 'S e Stieg Larsson a bh' ann.

0:09:59 > 0:10:03Freya, de tha air fhagail dhut ach Iasg.

0:10:05 > 0:10:08Ainmich da sheorsa de dh'iasg.

0:10:08 > 0:10:13- Bradan agus adag. - Sin thu fhein! Gle mhath!

0:10:13 > 0:10:17Agus tha sibhse a' faighinn nan 10 puing mu dheireadh dhen chuairt seo.

0:10:17 > 0:10:20Ach tha torr spors fhathast ri thighinn.

0:10:20 > 0:10:22Ciamair a chaidh dhe na puingean?

0:10:22 > 0:10:29As deidh na ciad chuairt tha an da sgioba co-ionnan le 40 puing an urra.

0:10:31 > 0:10:34Faodaidh sibh fois a ghabhail greiseag a-nis,

0:10:34 > 0:10:39oir tha an t-am ann do na h-aoighean an dearbhadh fhein.

0:10:39 > 0:10:43Bithidh Lorraine a' deanamh dannsa beag snog dhuinn.

0:10:43 > 0:10:49Feumaidh Siobhan agus Derek an suilean a chumail oirre gu geur.

0:10:49 > 0:10:53Feumaidh sibhse an dearbh rud a dheanamh as a deidh. Ceol.

0:11:37 > 0:11:43Bha sin direach alainn! Chord e rium direach glan!

0:11:43 > 0:11:44A Shiobhain is Derek,

0:11:44 > 0:11:48de ur beachd air sin? Nach tig sibh a-nall thugam.

0:11:48 > 0:11:52Tha eagal mo bheatha orm! Tha mi cinnteach gu bheil.

0:11:52 > 0:11:54Bu choir chomh teicheadh.

0:11:54 > 0:11:57- Nach do rinn thu ballet riamh? - Cha do rinn.

0:11:57 > 0:12:00Tha sin a' cur iongnadh orm. Is de mu do dheidhinn?

0:12:00 > 0:12:01Am bi e furasta dhut?

0:12:01 > 0:12:03Tha mi ceart gu leor air dannsa Gaidhealach,

0:12:03 > 0:12:06schottische is rudan, ach seo. Mo chreach!

0:12:06 > 0:12:09Cha bhi ach mionaid agaibh gus an t-aon rud a dheanamh.

0:12:09 > 0:12:14Gle mhath! 3, 2, 1, siuthadaibh!

0:12:34 > 0:12:36An toir sibh dhomh stiuireadh?

0:13:15 > 0:13:18Stadaibh far a bheil sibh!

0:13:18 > 0:13:23De bheireadh tu dha Siobhan dha cuid dannsa?

0:13:23 > 0:13:29- 40.- 40 puing! Sin thu fhein! Fada a bharrachd na bha mi an duil.

0:13:29 > 0:13:33Agus de mu dheidhinn Derek?

0:13:33 > 0:13:37- 30.- 30 puing! Tha sin math, nach eil?

0:13:37 > 0:13:39- Sin sibh fhein! - Bha sin sgoinneil!

0:13:39 > 0:13:42Cha b' e dannsa Gaidhealach a bh' ann idir.

0:13:42 > 0:13:46As deidh sin tha sgioba Steornabhaigh a' faighinn 40 puing

0:13:46 > 0:13:49agus sgioba Dhun Eideann a' faighinn 30 puing.

0:13:49 > 0:13:54As deidh na darna cuairt, ciamar a tha na puingean uile gu leir?

0:13:54 > 0:13:58As deidh da chuairt, tha 70 puing aig sgioba Dhun Eideann,

0:13:58 > 0:14:01ach tha 80 puing aig sgioba Steornabhaigh.

0:14:04 > 0:14:06Deuchainn eadar-dhealaichte sa chuairt seo,

0:14:06 > 0:14:09agus cothrom faicinn de cho math 's a tha a' chuimhne

0:14:09 > 0:14:11agus de cho geur 's a tha a' chuimhne agaibh.

0:14:11 > 0:14:14Chi gach sgioba criomag de dhrama, agus as deidh laimhe bidh

0:14:14 > 0:14:17aca ri 3 ceistean a fhreagairt air na chunnaic iad.

0:14:17 > 0:14:20Gheibh sibh 10 puingean air gach freagairt a bhios ceart.

0:14:20 > 0:14:23Faodaidh sibh obair mar sgioba,

0:14:23 > 0:14:26ach chan fhaod sibh peansail no paipear a chleachdadh.

0:14:26 > 0:14:30Sgioba Steornabhaigh an toiseach: seo a' chriomag agaibhse.

0:14:30 > 0:14:33A Mhamaidh, caite bheil sibh?

0:14:41 > 0:14:48Halo! 423. Haidh, a Dhadaidh! Tha gle mhath, tapadh leibh.

0:14:48 > 0:14:50Bha an sgoil gle mhath.

0:14:50 > 0:14:55Mamaidh? Chan eil - chan eil i aig an taigh an-drasta.

0:14:56 > 0:14:59Chan eil fhios agam caite bheil i.

0:14:59 > 0:15:03Eoghainn? A-a! Chan eil Eoghainn aig an taigh fhathast.

0:15:05 > 0:15:09Seo a-nis. Furasta? Chi sin as deidh nan ceistean.

0:15:09 > 0:15:13Ceist 1: De an dath a bh' air stocainnean na h-ighne?

0:15:13 > 0:15:16- An do mhothaich thusa an dath? - Stocainnean na h-ighne?

0:15:16 > 0:15:20A' chaileag a bh' anns a' bhideo - de an dath a bh' air a stocainnean?

0:15:20 > 0:15:24Cha do mhothaich mise - geal?

0:15:24 > 0:15:25Geal!

0:15:25 > 0:15:29Chi sinn a bheil sibh ceart.

0:15:29 > 0:15:33Tha sibh ceart! Math fhein! Seo an darna ceist agaibh.

0:15:33 > 0:15:35De na tri rudan a bh' air a' bhord?

0:15:35 > 0:15:39Bha da chliabh-dhealbhan agus fon, nach robh?

0:15:39 > 0:15:43- Da chliabh-dhealbhan agus fon. - Da chliabh-dhealbhan agus fon.

0:15:43 > 0:15:46Gle mhath. Bheir sinn suil eile.

0:15:46 > 0:15:49Da dhealbh agus fon. Sgoinneil fhein.

0:15:49 > 0:15:53Seo a' cheist mu dheireadh agaibh: de an aireamh-fhoin a bh' aca?

0:15:53 > 0:15:562336. A bheil cuimhne agaibhse?

0:15:56 > 0:15:58- Chan eil. - Feuch sin, co-dhiu. 2336.

0:15:58 > 0:16:002336.

0:16:00 > 0:16:01Eistidh sinn a-rithist.

0:16:04 > 0:16:06'Halo! 423.'

0:16:06 > 0:16:09Duilich! 'S e 423 a bh' ann. Ach na gabh dragh: bha sibhse gle mhath

0:16:09 > 0:16:12ann an sin. Seo a-nis sgioba Dhun Eideann.

0:16:12 > 0:16:16Chunnaic sibhse mar a dh'obraich sin. Cumaibh suil air na sgailein agaibh

0:16:16 > 0:16:19agus bidh na ceistean agaibh ann a dh'aithghearr.

0:16:23 > 0:16:27Haidh, Iain! Seall - chan urrainn dhomh seo obrachadh idir.

0:16:27 > 0:16:29Caite bheil e a' dol?

0:16:29 > 0:16:32Och, och! Carol bhochd!

0:16:32 > 0:16:34- Uill, chan eil mi math air rudan mar- seo.

0:16:34 > 0:16:37Nach bi Bill a' cuideachadh leis a' char?

0:16:37 > 0:16:39O, bithidh, ach tha e air falbh an-drasta.

0:16:39 > 0:16:44A bheil? Tha Mairi Anna air falbh an-drasta cuideachd.

0:16:44 > 0:16:45Nise, seall!

0:16:48 > 0:16:52Feumaidh mi ionnsachadh mar a bhios an car ag obrachadh.

0:16:52 > 0:16:54'S urrainn dhomh car a dhraibheadh,

0:16:54 > 0:16:57ach chan urrainn dhomh cail eile a dheanamh.

0:16:57 > 0:17:01Ist, a Charol! Tha mise math air car.

0:17:01 > 0:17:03Tha thusa math air...cocaireachd.

0:17:03 > 0:17:06Bha gu leor a' dol sa phios ud.

0:17:06 > 0:17:07Seo na ceistean agaibh.

0:17:07 > 0:17:11Ceist 1: de bha Iain a' deanamh le lamhan nuair a

0:17:11 > 0:17:13bha e a' coiseachd sios an t-sraid?

0:17:15 > 0:17:18Nach fhaca sibh na bha e a' deanamh? Chan eil fhios agam.

0:17:18 > 0:17:21Chan fhaca mise. Chan fhaca no mise.

0:17:21 > 0:17:27'S docha gun robh e gan suathadh. An can sinn sin? Gan suathadh?

0:17:27 > 0:17:29Gan suathadh?

0:17:29 > 0:17:31Bheir sinn suil eile.

0:17:31 > 0:17:35Tha mi duilich. Bha iad na phocaid.

0:17:35 > 0:17:37Co-dhiu, seo an darna ceist agaibh.

0:17:37 > 0:17:40De an dath a bh' air a' char aig Carol?

0:17:40 > 0:17:43- Dearg, nach e?- Dearg.

0:17:43 > 0:17:45- Dearg.- Chi sinn a bheil sibh ceart.

0:17:46 > 0:17:48Tha sibh ceart. 'S math a rinn sibh.

0:17:48 > 0:17:50Seo an treas ceist agaibh.

0:17:50 > 0:17:53De an dath a bh' air an stoc mu amhaich Carol?

0:17:53 > 0:17:58- Purpaidh.- Purpaidh.- Purpaidh is dubh - chi sinn a bheil sibh ceart.

0:17:59 > 0:18:02Agus, a-rithist, tha sibh ceart. 'S math a rinn sibh.

0:18:02 > 0:18:04Fhuair sibhse 20 puing an sin.

0:18:04 > 0:18:08Liz, ciamar a tha na puingean a' coimhead as deidh siud.

0:18:08 > 0:18:12As deidh sin tha 90 pouing aig sgioba Crois na Cise,

0:18:12 > 0:18:15ach 10 puing aig sgioba Steornabhaigh.

0:18:18 > 0:18:20Cuairt 4 a-nis, ma-tha,

0:18:20 > 0:18:24anns am faic sinn co as fhearr air rolaistean innse.

0:18:24 > 0:18:27Cluinnidh sinn da phios air an do chuimhnich gach aoigh.

0:18:27 > 0:18:30Bithidh aon sgeul cho fior 's a ghabhas,

0:18:30 > 0:18:33ach cha bhi am fear eile buileach cho fior sin.

0:18:33 > 0:18:35A Shiobhain, bidh Sian agus Freya

0:18:35 > 0:18:39a' leughadh da chriomaig fhiosrachaidh mu do dheidhinn.

0:18:39 > 0:18:45Bidh aon dhiubh fior agus am fear eile breugach.

0:18:45 > 0:18:49An uairsin, bithidh aig sgioba Dhun Eideann ri tighinn

0:18:49 > 0:18:51gu breith co dhiubh a tha fior.

0:18:51 > 0:18:54Ma lorgas iad an fhirinn, gheibh iad 20 puing.

0:18:54 > 0:18:58Sian, am b' urrainn dhutsa am pios agadsa a leughadh a-mach?

0:18:58 > 0:19:00Nuair a bha Siobhan ann an Clas 7,

0:19:00 > 0:19:02bhiodh i a' cluich rugbaidh leis na balaich.

0:19:02 > 0:19:06Gle mhath. Is de mu do dheidhinn fhein, Freya?

0:19:06 > 0:19:08Nuair a bha Siobhan ann an Clas 7,

0:19:08 > 0:19:10bhiodh i a' dol gu clasaichean ballet.

0:19:10 > 0:19:12Clasaichean ballet agus rugbaidh.

0:19:12 > 0:19:15Da sgeul gu math eadar-dhealaichte an sin.

0:19:15 > 0:19:18Faodaidh sibh obair a dheanamh mar sgioba,

0:19:18 > 0:19:20agus da cheist a chur air Siobhan.

0:19:20 > 0:19:24Am b' urrainn dhuibh smaoineachadh air da cheist?

0:19:24 > 0:19:29Chan eil fhios agam am biodh ballet ann an Leodhas.

0:19:29 > 0:19:31De ur beachd fhein?

0:19:31 > 0:19:34Chan eil fhios agam.

0:19:34 > 0:19:37Carson nach iarr sinn air Siobhan

0:19:37 > 0:19:42da ghluasad ainmeil ann am ballet ainmeachadh.

0:19:44 > 0:19:52A Shiobhain, an teid agad air da ghluasad ann am ballet ainmeachadh?

0:19:52 > 0:19:56Plie agus pirouet.

0:19:57 > 0:19:58No pirouette.

0:19:58 > 0:20:01De mu dheidhinn an darna ceist agaibh?

0:20:01 > 0:20:02Rud sam bith?

0:20:07 > 0:20:14Rudeigin mu dheidhinn rugbaidh - 's docha sgioba na h-Alba?

0:20:14 > 0:20:17Co mheud duine a bhios ann an sgioba rugbaidh?

0:20:19 > 0:20:2111 duine.

0:20:21 > 0:20:27Rinn Siobhan pios air rugbaidh airson De a-nis?,

0:20:27 > 0:20:30agus thuirt i gun do chord e rithe.

0:20:30 > 0:20:36De ur beachd? Am biodh ballet ann an Leodhas?

0:20:36 > 0:20:38Chan eil fhios agam.

0:20:38 > 0:20:41Tha mi a' smaointinn gum bitheadh, 's docha.

0:20:41 > 0:20:44- Gum bitheadh ballet ann an Leodhas? - 'S docha.

0:20:44 > 0:20:49A bheil thusa airson sin a thaghadh? Ballet.

0:20:49 > 0:20:51Ballet.

0:20:51 > 0:20:54A bheil iad ceart leis an sgeul a thaobh ballet?

0:20:54 > 0:20:58Chan eil. Cha do dh'fheuch mise ballet riamh.

0:20:58 > 0:21:02- Mar a chunnais sibh an sin! - Duilich mu dheidhinn siud.

0:21:02 > 0:21:06Inntinneach! Bha thu a' cluidh rugbaidh leis na balaich.

0:21:06 > 0:21:10Thugaibh, a-nis, sgioba Dhun Eideann.

0:21:10 > 0:21:15De seorsa sgeoil a th' agaibh mu dheidhinn Derek?

0:21:15 > 0:21:19Thu fhein an toiseachd, Amy.

0:21:19 > 0:21:22Nochd Derek air De a-nis? nuair a bha e ann an Clas 7,

0:21:22 > 0:21:25agus rinn e An Rud as Fhearr leam.

0:21:25 > 0:21:29An do nochd? Tha sin inntinneach! Agus de th' agadsa, a Chara?

0:21:29 > 0:21:33Nuair a bha Derek ann an Clas 7, b' e tracksuit de phurpaidh,

0:21:33 > 0:21:35dubh agus buidhe an t-aodach a b' fhearr leis.

0:21:35 > 0:21:38Tha mi duilich sin a chluinntinn.

0:21:40 > 0:21:43A chlann-nighean, de ur beachd air na chuala sibh?

0:21:43 > 0:21:49- An robh De a-nis? ann?- Tha De a-nis? ann o chionn 18 bliadhna air ais.

0:21:49 > 0:21:52Dh'fhaodadh gun do rinn e An Rud as Fhearr leam.

0:21:52 > 0:21:57Bu choir dhuinn faighneachadh de na rudan

0:21:57 > 0:21:59aige air An Rud as Fhearr leam.

0:21:59 > 0:22:06Deagh cheist! De na rudan a rinn thu anns An Rud as Fhearr leam?

0:22:06 > 0:22:08Bha mi math air sprint:

0:22:08 > 0:22:10mar sin, chuir mi seachad oidhche

0:22:10 > 0:22:13aig comann do luth-chleasachd an Uibhist a Tuath.

0:22:13 > 0:22:17Bha caoraich aig m' athair: mar sin, bha mi a' biadhadh nan caorach.

0:22:17 > 0:22:23Agus, cuideachd, bha mi air an traigh comhla ri mo charaidean.

0:22:23 > 0:22:26Am faighnich sinn dheth cait an d'fhuair e an tracksuit?

0:22:26 > 0:22:28'S cinnteach nach robh torr

0:22:28 > 0:22:30bhuithtean ann an Uibhist aig an am sin.

0:22:30 > 0:22:31Cait an d'fhuair thu an tracksuit, Derek?

0:22:31 > 0:22:33Mar bu trice, ann an Uibhist bhithinn

0:22:33 > 0:22:36a' coimhead anns na catalogues gus aodach a cheannach.

0:22:36 > 0:22:43Saoilidh mi gun d'fhuair mi an dearbh thracksuit ann an catalogue Next.

0:22:43 > 0:22:49A bheil sin gur cuideachadh idir? A bheil thu ga chreidsinn?

0:22:49 > 0:22:52De tha sibhse a' smaoineachadh?

0:22:52 > 0:22:56An do rinn e An Rud as Fhearr leam air De a-nis?

0:22:56 > 0:23:02no an do cheannaich e tracksuit grannda o Next?

0:23:05 > 0:23:10Chaidh e air De a-nis? Sin sibh fhein, ma-tha.

0:23:10 > 0:23:14Derek, a bheil iad ceart? An robh thu air De a-nis?

0:23:14 > 0:23:17- Cha robh. - O! Inntinneach!

0:23:17 > 0:23:20Bha tracksuit gu math snasail agam!

0:23:20 > 0:23:23Tha mi duilich, ach chan fhaigh sibh puing sam bith.

0:23:23 > 0:23:25As deidh na cuairt sin,

0:23:25 > 0:23:30a bheil na puingean fhathast mar a bha iad, a Steaphain?

0:23:30 > 0:23:34As deidh na cuairt sin, tha na puingean fhathast mar a bha iad.

0:23:34 > 0:23:37Tha 90 puing aig sgioba Dhun Eideann

0:23:37 > 0:23:40agus tha 100 puing aig sgioba Steornabhaigh.

0:23:42 > 0:23:44Anns a' chuairt mu dheireadh,

0:23:44 > 0:23:48feumaidh na sgiobaidhean iomadh sgil a chleachdadh.

0:23:48 > 0:23:52Tha gu leor a phuingean ri chosnadh an seo cuideachd.

0:23:52 > 0:23:57Air ur beulthaobh tha amar a tha lan, ach chan an de dh'uisge.

0:23:57 > 0:24:00Am measg nam ball agus nan litrichean,

0:24:00 > 0:24:03tha 7 a ni am facal GLEUSTA.

0:24:03 > 0:24:09Chan fheum sibh ach an 7 litir a lorg agus an cur air a' chlar.

0:24:09 > 0:24:12Gheibh sibh 10 puingean do gach litir,

0:24:12 > 0:24:14agus 30 puing eile

0:24:14 > 0:24:17ma chriochnaicheas sibh am facal an toiseach.

0:24:17 > 0:24:20Cuiridh aon bhall de gach sgioba litrichean air a' chlar.

0:24:20 > 0:24:24Bithidh an neach eile a' ruith eadar an t-amar agus an clar.

0:24:24 > 0:24:30Bithidh sibhse, na h-aoighean, a' sporghail air ur gluinean,

0:24:30 > 0:24:32feuchainn an lorg sibh na litrichean.

0:24:32 > 0:24:39Bithidh seo air an dithis agaibh gus cuisean a dheanamh nas inntinniche.

0:24:39 > 0:24:44- Seo dhut, a Shiobhain, agus seo dhut, Derek.- Tapadh leat.

0:24:44 > 0:24:47Faodaidh sibh an cur oirbh nuair a ruigeas sibh na claran.

0:24:47 > 0:24:49Siuthadaibh!

0:24:54 > 0:24:57Faodaidh sibh na rudan dubha sin a chur oirbh a-nis.

0:25:01 > 0:25:05- Sgioba Steornabhaigh, a bheil sibhse deiseil?- THA!

0:25:05 > 0:25:08- Sgioba Dhun Eideann, a bheil sibhse deiseil?- THA!

0:25:08 > 0:25:12Ann an 3 - 2 - 1 - siuthadaibh!

0:25:15 > 0:25:19De th' agaibhse? Shiud thu!

0:25:22 > 0:25:24Te eile! Rudeigin eile.

0:25:31 > 0:25:33Chan e.

0:25:51 > 0:25:53Ca' bheil na litrichean?

0:26:03 > 0:26:04Sin! Sin!

0:26:08 > 0:26:12- 1 mhionaid air fhagail! - Sin!

0:26:12 > 0:26:14Litrichean eile.

0:26:49 > 0:26:51Stadaibh!

0:26:55 > 0:26:59Abair gun robh sin sporsail, nach robh?

0:26:59 > 0:27:02- Bha e anabarrach fhein math! - Ciamar a chord e ribh?

0:27:02 > 0:27:06- Bha e math, nach robh?- Abair burach a rinn thusa, a Shiobhain!

0:27:06 > 0:27:10- Bha na buil air feadh an aite! - Cha robh mi a' lorg litir sam bith.

0:27:10 > 0:27:14Bha mi a' cantainn rium fhin: cuir na buill air falbh!

0:27:14 > 0:27:15Mo chreach!

0:27:15 > 0:27:18De mur deidhinn? Ciamar a chord e ribh?

0:27:18 > 0:27:22- Bha e uamhasach sporsail. - Ach doirbh aig an aon am, nach robh?

0:27:22 > 0:27:25Bha litrichean gu math doirbh ri fhaighinn.

0:27:25 > 0:27:28Aig a' cheann thall 's e co-fharpais a th' ann.

0:27:28 > 0:27:29Chi sinn a-nis ciamar a chaidh dhaibh.

0:27:29 > 0:27:34Mar a chi sibh, chuir an da sgioba am facal gu leir ri cheile.

0:27:34 > 0:27:38Smaoinich! Cha do thachair sin riamh!

0:27:38 > 0:27:42Ach direach diog air thoiseach,

0:27:42 > 0:27:45chuir muinntir Dhun Eideann e ann an ordugh ceart.

0:27:45 > 0:27:51Mar sin, bith 70 puing aig an da sgioba,

0:27:51 > 0:27:55ach bidh 20 puing a bharrachd do sgioba Dhun Eideann.

0:27:57 > 0:28:01Seo deireadh nan geama uile gu leir.

0:28:01 > 0:28:05A Steaphain, tha fios agad mar a tha na puingean.

0:28:05 > 0:28:07Bha e gu math faisg an-diugh.

0:28:07 > 0:28:13Fhuair sgioba Steornabhaigh 170 puing,

0:28:13 > 0:28:17ach a' buannachadh an-diugh le 190 puing,

0:28:17 > 0:28:18's e sgioba Crois na Cise.

0:28:18 > 0:28:23Gheibh sibhse an duais alainn againn aig GLEUSTA.

0:28:23 > 0:28:26Nach math a rinn an da sgioba againn.

0:28:26 > 0:28:30Ar taing gu Siobhan agus Derek airson a bhith cuide rinn an-diugh.

0:28:30 > 0:28:33Bithidh GLEUSTA air ais a dh'aithghearr le aoighean ura

0:28:33 > 0:28:36agus sgiobaidhean ura. Chon na h-uairsin, tioraidh!

0:28:39 > 0:28:43Mu dheireadh thall bha dubhlan, oir bha torr cheistean ann,

0:28:43 > 0:28:46cuid nas fhasa na cuid eile.

0:28:46 > 0:28:51Bha am program gu leir na dhubhlan dhuinn.