Episode 11

Download Subtitles

Transcript

0:00:22 > 0:00:27Hello! Is mise Amanda. De mar a tha sibh an-diugh?

0:00:27 > 0:00:31Eil sibh deiseil airson beagan Leum 's Danns? Math dha-riribh.

0:00:31 > 0:00:36An toiseach ge-ta beagan ghluasadan airson sinn fhin a dhusgadh.

0:00:36 > 0:00:39Tiugainnibh ma-tha!

0:00:39 > 0:00:43Cuir do lamhan suas dhan adhar. Sin sibh.

0:00:43 > 0:00:48Air ur corra-biod agus ur gairdeanan suas cho ard 's as urrainn dhuibh.

0:00:48 > 0:00:53Nise, crub sios mar ball, sios beag biodach.

0:00:56 > 0:00:59Sin air ais suas ard mar chraoibh,

0:00:59 > 0:01:05direach mar a bha sibh, ach an uair seo ur gairdeanan sgapte mar gheugan

0:01:05 > 0:01:08agus crathaibh ur corragan cuideachd.

0:01:08 > 0:01:10Sin sibh.

0:01:10 > 0:01:14'S mu dheireadh toisich a' leum bho thaobh gu taobh.

0:01:14 > 0:01:17Cumaibh a' dol.

0:01:17 > 0:01:19Beagan a bharrachd leumadaich.

0:01:19 > 0:01:23Sin e! Wow! 'S math a rinn sibh!

0:01:23 > 0:01:28'Eil sibh a' faireachdainn subailte a-nis. Tha? Math fhein.

0:01:28 > 0:01:33Uill, saoillidh mi gu bheil sinn deiseil airson beagan danns a- nise.

0:01:33 > 0:01:37Ach cait' an teid sinn a Leum 'sa Dhanns an-diugh?

0:01:37 > 0:01:41Seall, tha e gu math trath anns a' mhadainn

0:01:41 > 0:01:45agus sin an cloc ag innse dha Joanna g' eil thide ann eirigh.

0:01:45 > 0:01:48Eirich as do leabaidh.

0:01:50 > 0:01:55# Eirich as do leabaidh Tha ghrian anns an adhar

0:01:55 > 0:01:59# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:01:59 > 0:02:05# Eirich as do leabaidh Tha ghrian anns an adhar

0:02:05 > 0:02:10# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha. #

0:02:10 > 0:02:15Chan eil mise uabhasach math air a bhith ag eirigh trath sa mhadainn, a bheil sibhse?

0:02:15 > 0:02:21Nise de mu dheidhinn gluasadan airson a' seist. De a bhiodh math?

0:02:21 > 0:02:24Uill ma chuimhnicheas sinn air na facial...

0:02:24 > 0:02:26eirich as do leabaidh.

0:02:26 > 0:02:29De mu dheidhinn seo a dheanamh le do ghairdean

0:02:29 > 0:02:34a' toirt a chreidsinn gur e Mamaidh a tha ag eigheach oirnn "Eirich as do leabaidh"

0:02:34 > 0:02:39agus mar seo airson sealltainn gu bheil sinne nar cadal. Sin sibh.

0:02:39 > 0:02:42Eirich as do leabaidh.

0:02:42 > 0:02:45'S a-nis - tha a' ghrian anns an adhar.

0:02:45 > 0:02:51Uill nach dean sinn seo airson sealltainn gu bheil a' ghrian shuas ard san adhar.

0:02:51 > 0:02:54Tha a' ghrian anns an adhar.

0:02:54 > 0:02:57Tha sinn a-nis air ais gu eirich as do leabaidh.

0:02:57 > 0:03:00'S nach dean sinn an aon ghluasad a-rithist ma-tha.

0:03:00 > 0:03:03Eirich as do leabaidh.

0:03:03 > 0:03:08Agus mu dheireadh - cuir failte air an latha.

0:03:08 > 0:03:11Direach mar a rinn sinn le tha a' ghrian anns an adhar -

0:03:11 > 0:03:13cuir failte air an latha.

0:03:13 > 0:03:16Sin ma-tha na gluasadan

0:03:16 > 0:03:20agus bidh sinn a' deanamh a h-uile cail a bha siud da thuras.

0:03:20 > 0:03:25Agus sin agaibh an t-seist. A bheil cuimhn' agaibh air na bha siud?

0:03:25 > 0:03:29De mu dheidhinn gum feuch sinn air leis a' cheol a-nis. Dean deiseil ma-tha?

0:03:32 > 0:03:37# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:03:37 > 0:03:42# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:03:42 > 0:03:47# Eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:03:47 > 0:03:51# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha. #

0:03:51 > 0:03:55Ciamar a chaidh dhuibh ma-tha?

0:03:55 > 0:03:58Na chord e ribh? Tha sibh a' deanamh gle mhath.

0:03:58 > 0:04:02Mur eil e buileach agaibh fhathast na gabhaibh dragh

0:04:02 > 0:04:07oir bidh cothroman gu leor againn 's sinn a' cluinntinn na seist gu math tric san oran.

0:04:07 > 0:04:10Ach de eile a bhios sinn a' deanamh sa mhadainn?

0:04:11 > 0:04:15Uill, as deidh dhi eirigh as a leabaidh

0:04:15 > 0:04:20bi Joanna a fosgladh nan cuirtearan gus an faic i de seorsa la a th'ann.

0:04:25 > 0:04:29Feumaidh i a h-aodach a chuir oirre, nach fheum?

0:04:29 > 0:04:31Agus a brogan.

0:04:33 > 0:04:38'S an rud as fhearr leam fhin a bhi ag ithe bracaist.

0:04:45 > 0:04:50'S as deidh sin feumaidh Joanna a' fiaclan a ghlanadh.

0:04:50 > 0:04:54Tha torr ri dheanamh anns a' mhadainn nach eil?

0:04:54 > 0:04:59De mu dheidhinn a dhol air ais chun an orain gus am faigh sinn gluasadan eile a-nise.

0:04:59 > 0:05:02De a bhios sibhse a' deanamh a chiad char?

0:05:02 > 0:05:05Uill feumaidh sinn na cuirtearan fhosgladh.

0:05:05 > 0:05:08Siuthadaibh, fosglaibh na cuirtearan.

0:05:10 > 0:05:13De eile? ..Tha sin ceart.

0:05:13 > 0:05:18Feumaidh sinn ar n-aodach 's ar brogan a chur oirnn, direach mar seo.

0:05:19 > 0:05:22Sin sibh, tha sibh a' deanamh math!

0:05:22 > 0:05:26'S an uairsin feumaidh sinn ar bracaist ithe.

0:05:29 > 0:05:32Agus 's fhearr dhuinn gun diochuimhneachadh ar fiaclan.

0:05:32 > 0:05:37Deanaibh deiseil le ur bruisichean ma-tha agus glanaidh sinn ar fiaclan.

0:05:37 > 0:05:42Uill tha sinn air ar bracaist ithe, sinn fhin a nighe

0:05:42 > 0:05:45agus tha sinn a-nis deiseil airson a dhol dhan sgoil.

0:05:45 > 0:05:50Feumaidh sinn am bus fhaighinn. Am bi sibhse a' faighinn am bus dhan sgoil?

0:05:50 > 0:05:53Nach greas sinn oirnn ma-tha

0:05:53 > 0:05:57agus cuiridh sinn ar bagannan air ar druim. Math fhein!

0:05:57 > 0:06:02Agus sin agad na gluasadan eile airson oran an latha 'n- diugh.

0:06:02 > 0:06:04Oran mu bhith ag eirigh sa mhadainn

0:06:04 > 0:06:06'Eil cuimhn' agad de rinn sinn?

0:06:06 > 0:06:09Dh'fhosgail sinn na cuirtearan.

0:06:09 > 0:06:13Chuir sinn oirnn ar n-aodach agus ar brogan.

0:06:13 > 0:06:16Dh'ith sinn ar bracaist.

0:06:16 > 0:06:19Ghlan sinn ar fiaclan.

0:06:19 > 0:06:23Agus chuir sinn oirnn ar bagannan sgoile.

0:06:23 > 0:06:27Siuthadaibh, deanaibh cabhaig mus caill sinn am bus!

0:06:27 > 0:06:30Tha sibh a' deanamh uabhasach math gan cuimhneachadh.

0:06:30 > 0:06:35Nise, de mu dheidhinn a dhol thairis air an t-seist aon uair eile

0:06:35 > 0:06:38mus cluinn sin an t-oran slan? Seo e a' tighinn.

0:06:40 > 0:06:45# Oh eirich as do leabaidh Tha ghrian anns an adhar

0:06:45 > 0:06:49# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:06:49 > 0:06:54# Eirich as do leabaidh Tha ghrian anns an adhar

0:06:54 > 0:06:59# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha. #

0:06:59 > 0:07:01Tha sibh a' deanamh gle mhath.

0:07:01 > 0:07:06An duil a-nis 'eil sibh deiseil airson a h-uile cail a chur comhla

0:07:06 > 0:07:08agus an t-oran slan a dheanamh?

0:07:08 > 0:07:11Na biodh sibh idir leisg a-nis

0:07:11 > 0:07:13nuair a bhios sibh ag eirigh as a' mhadainn.

0:07:22 > 0:07:28# Eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:07:28 > 0:07:32# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:07:32 > 0:07:37# Siud an cloc ag innse dhomh G'eil madainn a-nis ann

0:07:37 > 0:07:41Fosgail a-nis na cuirtearan 'S cluinn na h-eoin a' seinn

0:07:41 > 0:07:47# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:07:47 > 0:07:51# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:07:51 > 0:07:56# Eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:07:56 > 0:08:01# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:08:01 > 0:08:06# Ni mi meuran mor a-nis Gairdean suas dhan an adhar

0:08:06 > 0:08:11# Cuiridh mi orm m'aodach 'S mo bhrogan th'air an lar

0:08:11 > 0:08:15# Eirigh as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:08:15 > 0:08:20# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:08:20 > 0:08:25# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:08:25 > 0:08:30# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:08:30 > 0:08:34# Nuairsin sios an staidhre A chur boiseag air mo bhus

0:08:34 > 0:08:40# Bracaist, cupan ti is tost Is m'fhiaclan ann am fruis

0:08:40 > 0:08:44# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:08:44 > 0:08:48# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:08:48 > 0:08:53# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:08:53 > 0:08:58# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:08:58 > 0:09:03# Tha am bus a' nis a' tighinn Mo bhaga sgoile mun dhruim

0:09:03 > 0:09:08# Obair dachaidh 's leabhraichean Thug an tidsear dhuinn

0:09:08 > 0:09:13# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:09:13 > 0:09:18# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:09:18 > 0:09:22# Eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:09:22 > 0:09:27# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:09:27 > 0:09:32# Oh eirich as do leabaidh Tha a' ghrian anns an adhar

0:09:32 > 0:09:38# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha

0:09:38 > 0:09:42# Eirich as do leabaidh 'S cuir failte air an latha! #

0:09:50 > 0:09:55Na chord e ribh? Bha e math nach robh? Nach sibh a bha easgaidh!

0:09:58 > 0:10:03Tha an t-am againn falbh ach chun an ath Leum 's Danns, leigibh ur n-anail.