Episode 13

Download Subtitles

Transcript

0:00:22 > 0:00:25Hello! Is mise Amanda.

0:00:25 > 0:00:30De mar a tha sibh an-diugh? Eil sibh deiseil airson beagan Leum 's Danns?

0:00:30 > 0:00:33Math dha-riribh. An toiseach ge-ta,

0:00:33 > 0:00:38beagan ghluasadan airson sinn fhin a dhusgadh. Tiugainnibh ma-tha!

0:00:38 > 0:00:43Cuir do lamhan suas dhan adhar. Sin sibh.

0:00:43 > 0:00:48Air ur corra-biod agus ur gairdeanan suas cho ard 's as urrainn dhuibh.

0:00:48 > 0:00:53Nise, crub sios mar ball, sios beag biodach.

0:00:56 > 0:00:59Sin air ais suas ard mar chraoibh,

0:00:59 > 0:01:02direach mar a bha sibh,

0:01:02 > 0:01:05ach an uair seo ur gairdeanan sgapte mar gheugan

0:01:05 > 0:01:09agus crathaibh ur corragan cuideachd. Sin sibh.

0:01:09 > 0:01:15'S mu dheireadh toisich a' leum bho thaobh gu taobh.

0:01:15 > 0:01:17Cumaibh a' dol.

0:01:17 > 0:01:19Beagan a bharrachd leumadaich.

0:01:19 > 0:01:23Sin e! Wow! 'S math a rinn sibh!

0:01:23 > 0:01:28'Eil sibh a' faireachdainn subailte a-nis? Tha? Math fhein.

0:01:28 > 0:01:33Uill saoillidh mi gu bheil sinn deiseil airson beagan danns a- nise.

0:01:33 > 0:01:37Ach cait' an teid sinn a Leum 'sa Dhanns an-diugh?

0:01:37 > 0:01:40Tha sinn anns an taigh. Ach de an t-seomar?

0:01:40 > 0:01:43'S e, an cidsin.

0:01:45 > 0:01:49Tha torr ri dheanamh anns a' chidsin nach eil?

0:01:52 > 0:01:56Am bi thusa a' cuideachadh mamaidh neo dadaidh anns a' chidsin?

0:02:00 > 0:02:03# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:02:03 > 0:02:07# Trang a' cur an taigh air doigh

0:02:07 > 0:02:11# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:02:12 > 0:02:14# Obair gu leor. #

0:02:16 > 0:02:21Sin agad an cidsin ma-tha agus 's ann mu dheidhinn a' chidsin a tha oran an la 'n-diugh!

0:02:21 > 0:02:24Agus sin agad an t-seist!

0:02:24 > 0:02:30Nise saoilidh mise gum biodh e math danns' beag a chur ri cheile air a shon.

0:02:30 > 0:02:34Danns beag a dh'fhaodas sinn a dheanamh gach turas a chluinneas sinn an t-seist.

0:02:34 > 0:02:39Uill bha an ceol gu math socair agus thoisich e le... anns a' chidsin, anns a' chidsin.

0:02:39 > 0:02:42De mu dheidhinn seo.

0:02:42 > 0:02:47An lamh seo suas mar seo an toiseach agus an uairsin am laimh eile!

0:02:47 > 0:02:50Anns a' chidsin, anns a' chidsin.

0:02:50 > 0:02:54'S an uairsin. Trang a' cur an taigh air doigh.

0:02:54 > 0:02:57Uill tha sin fior 's abair obair.

0:02:57 > 0:03:01Nise airson an taigh a riochdachadh de mu dheidhinn seo.

0:03:01 > 0:03:05Gairdeanan suas son an taigh gu leir a shealltainn!

0:03:05 > 0:03:09Trang a' cur an taigh air doigh. Sin agad e!

0:03:09 > 0:03:13'S as deidh sin tha sinn air ais gu...

0:03:13 > 0:03:15anns a' chidsin, anns a' chidsin.

0:03:15 > 0:03:18Bheil cuimhn' agaibh?

0:03:18 > 0:03:20Anns a' chidsin, anns a' chidsin.

0:03:20 > 0:03:25'S mu dheireadh son crioch a chur air an t-seist. Obair gu leor!

0:03:25 > 0:03:28Uill, abair e! 'S airson seo,

0:03:28 > 0:03:34cuiridh sinn ar gairdeanan a-mach mar seo 's togaidh sinn suas iad.

0:03:34 > 0:03:35Obair gu leor!

0:03:35 > 0:03:39Sin agad e! Agus sin agad danns na seist.

0:03:39 > 0:03:45Nise cuiridh sinn an danns beag sin airson na seist ris a' cheol fhad 's a tha e fhathast nar n-inntinn!

0:03:45 > 0:03:47Seo e a' tighinn ma-tha.

0:03:55 > 0:03:58# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:03:58 > 0:04:02# Trang a' cur an taigh air doigh

0:04:02 > 0:04:06# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:04:06 > 0:04:11# Obair gu leor. #

0:04:11 > 0:04:13Math fhein!

0:04:13 > 0:04:19Tha e agad nach eil! Nis' na gabhaibh dragh mur do chuimhnich sibh air a h-uile cail.

0:04:19 > 0:04:22Gheibh sinn cothrom feuchainn air turas no dha fhathast

0:04:22 > 0:04:27oir 's i an t-seist am pios san oran a chluinneas tu a-rithist agus a-rithist.

0:04:27 > 0:04:33An-drasta ge-ta theid sinn air ais dhan chidsin - tha torr ri dheanamh ann an cidsin!

0:04:33 > 0:04:34Tha biadh air a dheanamh anns a' chidsin.

0:04:34 > 0:04:38Seall tha Raonaid a' cuideachadh a' mamaidh cur car dhen bhrot.

0:04:38 > 0:04:45Agus seo a' piuthair Sarah a' cuideachadh mamaidh a' glanadh nan soithichean.

0:04:45 > 0:04:49Am bi thusa sguabadh an lair coltach ri Sarah?

0:04:50 > 0:04:53Agus a' suathadh a' bhuird?

0:04:53 > 0:05:01'S nuair a tha an t-aodach air a nighe, feumaidh sinn a chur dhan bhascaid. Sin thu fhein, a Raonaid.

0:05:01 > 0:05:07Agus nuair a bhitheas e tioram bi mamaidh ga iarnaigeadh.

0:05:07 > 0:05:11Seall tha Sarah a' tionndaidh nan sconaichean le mamaidh,

0:05:11 > 0:05:16feumaidh tu bhi gu math faiceallach. Mmm. Eum, eum.

0:05:16 > 0:05:21Uill de mu dheidhinn barrachd ghluasadan fhaighinn dhan oran a-nise ma-tha!

0:05:21 > 0:05:26Nise, 's e tha dhith oirnn na rudan eile a bhios tu a' deanamh sa chidsin.

0:05:26 > 0:05:29Uill, am bi thusa a' cocaireachd no beicearachd?

0:05:29 > 0:05:33Bi thu a' measgachadh rudan nach bi. Direach mar seo!

0:05:33 > 0:05:36A' cur car dhen bhrot!

0:05:36 > 0:05:40De eile? A' glanadh nan soithichean...

0:05:41 > 0:05:45Agus a' sguabadh an lair.

0:05:46 > 0:05:49Aon no dha eile ma-tha.

0:05:49 > 0:05:53Nis ma tha am bord feumail air glanadh bidh thu...

0:05:53 > 0:05:56a' suathadh a' bhuird!

0:05:56 > 0:06:01De mu dheidhinn a' togail bascaid lan aodaich!

0:06:01 > 0:06:05Agus bi thu cuideachd ag iarnaigeadh.

0:06:06 > 0:06:10Sgoinneil fhein! Agus sin na gluasadan air fad.

0:06:10 > 0:06:14A' cur car dhen bhrot! A' glanadh nan soithichean.

0:06:14 > 0:06:19A' sguabadh an lair. A' suathadh a' bhuird!

0:06:19 > 0:06:24A' togail bascaid lan aodaich! Agus ag iarnaigeadh.

0:06:26 > 0:06:30Math fhein! Sin sinn ma-tha deiseil airson an orain mhoir!

0:06:30 > 0:06:35An toiseach ge-ta seo cothrom eile feuchainn air an t-seist!

0:06:35 > 0:06:37Bheil cuimhn' agad air an danns?

0:06:45 > 0:06:49# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:06:49 > 0:06:52# Trang a' cur an taigh air doigh

0:06:52 > 0:06:56# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:06:56 > 0:07:01# Obair gu leor. #

0:07:01 > 0:07:03Sin agad e - tha e agaibh!

0:07:03 > 0:07:09Agus chanainn g' eil sinn a-nis deiseil airson an t-oran slan a sheinn. Deanaibh deiseil!

0:07:22 > 0:07:27# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:07:27 > 0:07:30# Trang a' cur an taigh air doigh

0:07:30 > 0:07:34# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:07:34 > 0:07:37# Obair gu leor

0:07:37 > 0:07:41# Tiugainn dhan a' chidsin far am bi sinn a' cocaireachd

0:07:41 > 0:07:45# Measgaich na h-uighean Is cuir car dhen bhrot

0:07:45 > 0:07:48# Tionndaidh na sgonaichean Is doirt an coire

0:07:48 > 0:07:52# Crath am pana Biadh gu leor

0:07:52 > 0:07:56# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:07:56 > 0:07:59# Trang a' cur an taigh air doigh

0:07:59 > 0:08:03# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:08:03 > 0:08:07# Obair gu leor

0:08:07 > 0:08:11# Tiugainn dhan a' chidsin far an nigh sinn na soitheachan

0:08:11 > 0:08:15# Truinnsearan, bobhlaichean Cupain gu leor

0:08:15 > 0:08:18# Suath an clobhd Le siabann is burn

0:08:18 > 0:08:21# Tiormaich gach soitheach Is cuir iad air falbh

0:08:21 > 0:08:26# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:08:26 > 0:08:28# Trang a' cur an taigh air doigh

0:08:28 > 0:08:32# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:08:32 > 0:08:36# Obair gu leor

0:08:36 > 0:08:40# Tiugainn dhan a' chidsin far an sguab sinn an lar

0:08:40 > 0:08:43# Cleachd a' bhruis a-null 's a-nall

0:08:43 > 0:08:47# Suath am bord Air ais 's air adhart

0:08:47 > 0:08:51# Tha an cidsin glan gu leor

0:08:51 > 0:08:55# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:08:55 > 0:08:58# Trang a' cur an taigh air doigh

0:08:58 > 0:09:02# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:09:02 > 0:09:06# Obair gu leor

0:09:06 > 0:09:10# Tiugainn dhan a chidsin la na nigheadaireachd

0:09:10 > 0:09:14# Bascaid lan aodaich 'S iarann air bord

0:09:14 > 0:09:17# Geansaidhean 's leintean 's tubhailtean shoithichean

0:09:17 > 0:09:21# An nigheadaireachd air doigh!

0:09:21 > 0:09:25# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:09:25 > 0:09:28# Trang a' cur an taigh air doigh

0:09:28 > 0:09:32# Anns a' chidsin Anns a' chidsin

0:09:32 > 0:09:39# Obair gu leor! #

0:09:46 > 0:09:49Abair obair sa chidsin ma-tha!

0:09:49 > 0:09:52Ach 's e tha math son a bhith a' Leum 's a' Danns!

0:09:52 > 0:09:54'S bha sibhse direach air leth!

0:09:57 > 0:10:01Sgoinneil fhein! 'S fhearr dhomhsa falbh ge-ta.

0:10:01 > 0:10:06Gus an ath Leum 's Danns ma-tha, leigibh ur n-anail.