Episode 19

Download Subtitles

Transcript

0:00:22 > 0:00:27Hello, is mise Amanda. 'Eil sibh deiseil airson Leum 's Danns?

0:00:27 > 0:00:31Math fhein! Nach danns sibh comhla riumsa ma-tha.

0:00:31 > 0:00:36Ach an toiseach gluasad no dha son ur cur ann an sunnd!

0:00:36 > 0:00:39Cuir do lamhan suas dhan adhar.

0:00:39 > 0:00:44Sin sibh. Gairdeanan suas gu h-ard dha na speuran.

0:00:44 > 0:00:50Nise, crub sios mar ball, sios beag biodach.

0:00:50 > 0:00:56Sin air ais suas ard mar chraoibh. Direach mar a bha sibh,

0:00:56 > 0:01:01ach an turas-sa le ur gairdeanan sgapte mar gheugan. Sin e.

0:01:01 > 0:01:03Agus crathaibh ur corragan cuideachd.

0:01:05 > 0:01:09'S mu dheireadh gluais mar chraoibh anns a' ghaoth.

0:01:09 > 0:01:16Gu aon taobh agus gun taobh eile. 'S a-rithist, gu aon taobh

0:01:16 > 0:01:20agus gun taobh eile! Sin e.

0:01:20 > 0:01:27Wow, 's math a rinn sibh! 'Eil sibh air ur doigh a-nis. Tha?

0:01:27 > 0:01:28Sgoinneil fhein.

0:01:28 > 0:01:32Uill saoilidh mi gu bheil sinn deiseil airson beagan danns

0:01:32 > 0:01:37a-nise, nach eil? Ach cait' an teid sinn a Leum 's a Dhanns an-diugh?

0:01:39 > 0:01:42Bheil sibh ag aithneachadh cait' a bheil a' chlann seo?

0:01:42 > 0:01:43Na h-innealan aca?

0:01:43 > 0:01:46Tha iad gu math trang.

0:01:46 > 0:01:48Na sitheanan alainn?

0:01:48 > 0:01:50An garradh!

0:01:50 > 0:01:54# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:01:54 > 0:01:59# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:01:59 > 0:02:04# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:02:04 > 0:02:08# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid. #

0:02:08 > 0:02:11Oh is toil leamsa a bhith sa gharradh. A' ghrian a' dearrsadh 's

0:02:11 > 0:02:16e cho blath agus boidheach! Sin ma-tha seist an orain again ach de

0:02:16 > 0:02:20na gluasadan a bhiodh math comhla ris?

0:02:20 > 0:02:24Uill ciamar a tha e a' toiseachadh. Tiugainn dhan a' gharradh.

0:02:24 > 0:02:26Uill tha sin furasta gu leor.

0:02:26 > 0:02:29De bhios tu a' deanamh mar is trice le do ghairdean nuair

0:02:29 > 0:02:31a tha thu ag radh 'tiugainn'.

0:02:31 > 0:02:33Tha sin ceart tha thu a' deanamh seo -

0:02:33 > 0:02:38Tiugainn dhan a' gharradh. Agus 's i an ath loidhne -

0:02:38 > 0:02:40Am measg nan sithean alainn

0:02:41 > 0:02:44Oh tha na sitheanan a' cordadh rium cho mor 's iad cho

0:02:44 > 0:02:48boidheach air do bheulaibh! De mu dheidhinn gun dean sinn seo?

0:02:48 > 0:02:52Am measg nan sithean alainn. Tha sinn an uairsin air ais gu -

0:02:52 > 0:02:54Tiugainn dhan a' gharradh.

0:02:54 > 0:02:57'S leis an sin nach dean sinn an dearbh ghluasad a bh'

0:02:57 > 0:02:59again aig an toiseach a-rithist.

0:02:59 > 0:03:04Bheil cuimhn' agaibh? Sin agad e! Tiugainn dhan a' gharradh.

0:03:04 > 0:03:09Gle mhath! Tha sibh a' deanamh math. Agus airson na loidhne

0:03:09 > 0:03:12mu dheireadh - Le do racan is do spaid.

0:03:12 > 0:03:16Uill, sin agad cuid de na h-innlealan a tha gu feum sa gharradh.

0:03:16 > 0:03:20Ach de a ni thu leis an fheadhainn sin? UIll le racan -

0:03:20 > 0:03:25bidh thu a' racadh an fheoir. Agus le spaid?

0:03:25 > 0:03:32Tha sin ceart bidh thu a' cladhadh. Le do racan is do spaid.

0:03:32 > 0:03:36Agus sin agad na gluasadan airson na seist ma-tha!

0:03:36 > 0:03:38Agus bidh sinn ga sheinn da thuras.

0:03:38 > 0:03:41Nach fheuch sinn e a-nise leis a' cheol.

0:03:41 > 0:03:43Deanaibh deiseil ma-tha!

0:03:48 > 0:03:52# Tiugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:03:52 > 0:03:57# Tiugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid.

0:03:57 > 0:04:01# Tiugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:04:01 > 0:04:06# Tiugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid. #

0:04:06 > 0:04:11Sin sibh pein! Bheil e agaibh? An ire mhath?

0:04:11 > 0:04:14Mur eil buileach fhathast na gabh dragh.

0:04:14 > 0:04:17Bidh cothroman gu leor ann fhathast leis gur e an seist

0:04:17 > 0:04:19am priomh phairt den oran.

0:04:19 > 0:04:22Air ais an-drasta ge-ta son an tuilleadh fhaighinn

0:04:22 > 0:04:24a-mach mun gharradh!

0:04:27 > 0:04:32Uill airson toirt air rudan fas feumaidh tu siol a chur dhan talamh.

0:04:32 > 0:04:37'S an uairsin le teas bhon ghrein agus cuideachd uisge

0:04:37 > 0:04:39fasaidh an glasraich 's na sitheanan.

0:04:39 > 0:04:44Abair sitheanan alainn.

0:04:44 > 0:04:47'S nuair a bhios an obair deante

0:04:47 > 0:04:51suidh an uairsin a' gabhail na grein'.

0:04:55 > 0:04:58Uill ged a tha an garradh na aite son gabhail air do shocair

0:04:58 > 0:05:02uaireannan, tha an t-uabhas diofar obraichean ann son cuisean

0:05:02 > 0:05:04a chur air doigh nach eil!

0:05:04 > 0:05:07De mu dheidhinn a-nise gun cuir sinn air doigh gluasadan

0:05:07 > 0:05:09eile airson a' chorr den oran.

0:05:09 > 0:05:13Nise son toirt air rudan fas, fluraichean no glasraich.

0:05:13 > 0:05:16Rud sam bith. Feumaidh tu siol a chur dhan talamh.

0:05:16 > 0:05:19Siuthadaibh cuiribh an siol dhan talamh.

0:05:19 > 0:05:25An uairsin fasaidh na sitheanan agus an glasraich le teas bhon ghrein,

0:05:25 > 0:05:32agus cuideachd uisge. Nach dean sinn seo son an uisge. Sin sibh pein.

0:05:32 > 0:05:35Tha sin math. 'S de mu dheidhinn a- nise gun toir

0:05:35 > 0:05:38sinn a chreidsinn gur e sinne na fluraichean a' fas.

0:05:38 > 0:05:44Siuthad, sin suas ard dha na speuran 's tu cho dathte 's cho boidheach.

0:05:44 > 0:05:48'S nuair bhios an obair deiseil leis an racan agus leis an spaid,

0:05:48 > 0:05:52cothrom beagan fois a ghabhail. Mu dheireadh thall!

0:05:52 > 0:05:58Siuthad cas a-mach agus sin air ais le do ghairdean air cul do chinn

0:05:58 > 0:06:00's tu a' gabhail na greine!

0:06:00 > 0:06:04Ahhhhhh! Agus sin na gluasadan air fad.

0:06:04 > 0:06:09A' cur siol dhan talamh An t-uisge a' tighinn sios

0:06:09 > 0:06:15na fluraichean a' fas 's a' gabhail fois 's a' gabhail na greine.

0:06:15 > 0:06:19Tha sinn deiseil airson an t-oran air fad fheuchainn ma-tha.

0:06:19 > 0:06:23Ach an toiseach nach teid sinn thairis air an t-seist aon turas

0:06:23 > 0:06:27eile direach son a chur nar cuimhne! Seo i a' tighinn!

0:06:32 > 0:06:36# Tiugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:06:36 > 0:06:41# Tiugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:06:41 > 0:06:46# Tiugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:06:46 > 0:06:51# Tiugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid. #

0:06:51 > 0:06:55Tha e agaibh nach eil? 'S fhearr dhuinn a-nise deanaibh

0:06:55 > 0:06:58air a' gharradh 'son a h-uile cail a chur ri cheile.

0:06:58 > 0:07:02Deanaibh deiseil son beagan Leum is Danns am measg nam

0:07:02 > 0:07:05fluraichean 's a' ghlasraich ma-tha!

0:07:14 > 0:07:19# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:07:19 > 0:07:24# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:07:24 > 0:07:28# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:07:28 > 0:07:33# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:07:34 > 0:07:39# Cuir siol dhan an talamh 's le uisge is grian gu leor

0:07:39 > 0:07:44# Ann am beagan mhiosan Gheibh sinn sneapan agus cal

0:07:44 > 0:07:49# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:07:49 > 0:07:53# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:07:53 > 0:07:58# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:07:58 > 0:08:04# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:08:04 > 0:08:09# Air taobh eile a' gharraidh tha na fluraichean a' fas.

0:08:09 > 0:08:14# Le direach deoch beag uisge bidh iad dathte 's bidh iad ard.

0:08:14 > 0:08:19# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:08:19 > 0:08:24# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:08:24 > 0:08:28# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:08:28 > 0:08:33# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:08:33 > 0:08:39# Cruinnich feur le racan Tionndaidh talamh le spaid

0:08:39 > 0:08:44# Suidh a-nis a' gabhail na grein Nuair a bhitheas an obair deant

0:08:44 > 0:08:49# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:08:49 > 0:08:54# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:08:54 > 0:08:58# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:08:58 > 0:09:04# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:09:04 > 0:09:08# An t-am a-nis son barbeque 's sinn deiseil son ar biadh

0:09:08 > 0:09:14# Roilichean le isbeanan Airson sinn fhin a lionadh

0:09:14 > 0:09:19# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:09:19 > 0:09:23# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid

0:09:23 > 0:09:28# Tugainn dhan a' gharradh Am measg nan sithean alainn

0:09:28 > 0:09:34# Tugainn dhan a' gharradh Le do racan is do spaid. #

0:09:51 > 0:09:54Oh bha sibh math math sa gharradh.

0:09:54 > 0:09:56Bha e follaiseach gun do chord e ribh.

0:09:56 > 0:09:58Bha sibh direach miorbhaileach!

0:10:01 > 0:10:05Air leth fhein. Uill tha an t-am againn falbh.

0:10:05 > 0:10:08Feuch gun cuimhnich sibh a bhith deiseil 'son Leum is Danns

0:10:08 > 0:10:12an ath thuras. Chun uairsin, leigibh ur n-anail.