Episode 27

Download Subtitles

Transcript

0:00:22 > 0:00:27Hello, is mise Amanda. 'Eil sibh deiseil airson Leum 's Danns?

0:00:27 > 0:00:31Math fhein! Nach danns sibh comhla riumsa ma-tha.

0:00:31 > 0:00:36Ach an toiseach gluasad no dha son ur cur ann an sunnd!

0:00:36 > 0:00:40Cuir do lamhan suas dhan adhar.

0:00:40 > 0:00:43Sin sibh, gairdeanan suas gu h-ard dha na speuran.

0:00:45 > 0:00:50Nise, crub sios mar ball, sios beag biodach.

0:00:51 > 0:00:55Sin air ais suas ard mar chraoibh.

0:00:55 > 0:00:56Direach mar a bha sibh,

0:00:56 > 0:01:00ach an turas-sa le ur gairdeanan sgapte mar gheugan.

0:01:00 > 0:01:04Sin e agus crathaibh ur corragan cuideachd.

0:01:05 > 0:01:09'S mu dheireadh gluais mar chraoibh anns a' ghaoith.

0:01:09 > 0:01:14Gu aon taobh agus gun taobh eile

0:01:14 > 0:01:16's a-rithist gu aon taobh

0:01:16 > 0:01:20agus gun taobh eile! Sin e!

0:01:20 > 0:01:24Wow 's math a rinn sibh!

0:01:24 > 0:01:29'Eil sibh air ur doigh a-nis? Tha? Sgoinneil fhein.

0:01:29 > 0:01:32Uill saoilidh mi gu bheil sinn deiseil airson beagan danns a-nise,

0:01:32 > 0:01:34nach eil?

0:01:34 > 0:01:38Ach cait' an teid sinn a Leum 's a Dhanns an-diugh?

0:02:05 > 0:02:07# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:02:07 > 0:02:08# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:02:08 > 0:02:10# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:02:10 > 0:02:15# 'S thoir dhomhsa an latha dheth! #

0:02:16 > 0:02:19An obair-taighe ma-tha. 'S abair obair!

0:02:19 > 0:02:22Nise chuala sibh an seist an siud.

0:02:22 > 0:02:25'S de mu dheidhinn a-nise gum faigh sinn gluasadan air a son?

0:02:25 > 0:02:29Deiseil? Ciamar a thoisich i ma-tha?

0:02:29 > 0:02:31Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:02:31 > 0:02:33'S a deanamh an obair-taighe.

0:02:33 > 0:02:37Nach dean sinn seo airson sealltainn gu bheil mamaidh trang.

0:02:37 > 0:02:39Mar seo an toiseach

0:02:39 > 0:02:42agus an uairsin thoiribh a chreidsinn gu bheil sibh a' dustaigeadh.

0:02:42 > 0:02:48Le aon laimh agus an uairsin an laimh eile. Sin e.

0:02:48 > 0:02:50Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh.

0:02:50 > 0:02:52'S a deanamh an obair-taighe.

0:02:52 > 0:02:56Gle mhath. Tha sibh math dha-riribh air dustaigeadh!

0:02:56 > 0:02:59Cumaidh sinn a' dol leis an t-seist a-nis.

0:02:59 > 0:03:03De thuirt Mamaidh ma-tha? Tha sin ceart.

0:03:03 > 0:03:06Nach tig thu ga mo chuideachadh.

0:03:06 > 0:03:10Nis ma tha cuideigin ag iarraidh ort a' thighinn 's cuideachadh

0:03:10 > 0:03:11ni iad mar seo nach dean.

0:03:11 > 0:03:14Nach tig thu gha mo chuideachadh.

0:03:14 > 0:03:17Agus airson crioch a chur air na tha Mamaidh ag radh...

0:03:17 > 0:03:20'S thoir dhomhsa an latha dheth.

0:03:20 > 0:03:23Agus 's i a bhiodh airidh air!

0:03:23 > 0:03:25De ma-tha a dheanadh Mamaidh air la dheth...

0:03:25 > 0:03:28ghabhadh i cuisean air a socair nach gabhadh!

0:03:28 > 0:03:30De mu dheidhinn seo?

0:03:30 > 0:03:34Cas a-mach agus do ghairdean air cul do chinn

0:03:34 > 0:03:37mar gu bheil thu a' sineadh air ais ann an cathair.

0:03:37 > 0:03:41'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:03:41 > 0:03:44Agus sin agad na gluasadan airson na seist ma-tha.

0:03:44 > 0:03:48De mu dheidhinn a-nise gun feuch sinn e leis a' cheol.

0:03:48 > 0:03:51Bhiodh sin na chuideachadh saoilidh mi. Deanaibh deiseil!

0:03:55 > 0:03:56# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:03:56 > 0:03:58# 'S a' deanamh an obair-taighe

0:03:58 > 0:04:00# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:04:00 > 0:04:05# 'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:04:05 > 0:04:07# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:04:07 > 0:04:09# 'S a' deanamh an obair-taighe

0:04:09 > 0:04:11# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:04:11 > 0:04:15# 'S thoir dhomhsa an latha dheth! #

0:04:18 > 0:04:20Oh nach robh sin math!

0:04:20 > 0:04:24Agus feuch gun cuimhnich sibh air na gluasadan sin a dheanamh

0:04:24 > 0:04:26gach turas a chluinneas sibh an seist.

0:04:26 > 0:04:29Agus leis gur e an seist am priomh phairt den oran

0:04:29 > 0:04:31bidh cothroman gu leor ann.

0:04:31 > 0:04:33An-drasta ge-ta gheibh sinn a-mach

0:04:33 > 0:04:37mu cuid de na diofar obraichean a tha ri dheanamh san taigh.

0:05:24 > 0:05:28Phew! 'S beag an t-iongnadh gu bheil Mamaidh a' lorg cuideachadh

0:05:28 > 0:05:29agus la dheth fhaighinn!

0:05:29 > 0:05:32Tha an uiread de dhiofar sheorsa obraichean ann nach eil

0:05:32 > 0:05:35agus saoilidh mi gum faigh sinn gluasadan math eile

0:05:35 > 0:05:37airson an orain againn!

0:05:37 > 0:05:42De an obair leis an toisich sinn ma-tha? De? An nigheadaireachd?

0:05:42 > 0:05:43Aye, bhiodh sin math.

0:05:43 > 0:05:46Basgaid lan nigheadaireachd,

0:05:46 > 0:05:49agus crochaidh sinn an t-aodach air an rop.

0:05:50 > 0:05:55De an ath obair ma-tha? De mu dheidhinn na soithichean san t-sinc?

0:05:55 > 0:05:57'S fhearr dhuinn an nighe.

0:05:57 > 0:06:02Sin e, nigh na truinnsearan agus na cupannan.

0:06:02 > 0:06:06Nise tha diofar rudan eile ann a dh'fheumas sinn a chumail glan

0:06:06 > 0:06:08agus a bhiodh math airson gluasadan nach eil?

0:06:08 > 0:06:11De mu dheidhinn an lair an toiseach.

0:06:11 > 0:06:16Ma tha sin feumail air glanadh, de a ni thu? Tha sin ceart.

0:06:16 > 0:06:20Tha thu ga sguabadh le bruis, siuthadaibh sguabaibh an lar.

0:06:22 > 0:06:25Sin e. Agus tha rud eile a dh'fheumas a bhith glan

0:06:25 > 0:06:28ma tha thu dol a dh'fhaicinn a-mach as an taigh.

0:06:28 > 0:06:31Bheil e agaibh? 'S e! Na h-uinneagan.

0:06:31 > 0:06:34Siuthadaibh glanaibh na h-uinneagan leis a' chlobhd.

0:06:34 > 0:06:39Oh tha iad cho salach! Sin agad na gluasadan ma-tha.

0:06:39 > 0:06:42A' crochadh na nigheadaireachd air an rop

0:06:42 > 0:06:44A' nighe nan soithichean

0:06:45 > 0:06:48A' sguabadh an lair

0:06:48 > 0:06:51Agus a' glanadh nan uinneagan.

0:06:51 > 0:06:55Gle mhath. Gluasadan math an sin.

0:06:55 > 0:06:59Nise de mu dheidhinn a dhol thairis air an t-seist aon turas eile

0:06:59 > 0:07:02mus dean sinn an t-oran air fad. Deanaibh deiseil.

0:07:06 > 0:07:08# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:07:08 > 0:07:10# 'S a' deanamh an obair-taighe

0:07:10 > 0:07:11# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:07:11 > 0:07:16# 'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:07:16 > 0:07:19# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:07:19 > 0:07:20# 'S a' deanamh an obair-taighe

0:07:20 > 0:07:22# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:07:22 > 0:07:27# 'S thoir dhomhsa an latha dheth! #

0:07:29 > 0:07:32Oh, 's math a rinn sibh cuimhneachadh air.

0:07:32 > 0:07:35Saoilidh mi nach eil air fhagail againn a-nise

0:07:35 > 0:07:38ach feuchainn air an oran slan.

0:07:38 > 0:07:41Deiseil son Mamaidh a' chuideachadh leis an obair taighe?

0:07:54 > 0:07:57# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:07:57 > 0:07:59# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:07:59 > 0:08:00# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:08:00 > 0:08:05# 'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:08:05 > 0:08:09# Tha nighdearachd sa bhasgaid

0:08:09 > 0:08:13# Thoir na punaichean as a' phreas

0:08:13 > 0:08:16# 'S croch an aodach air an rop

0:08:16 > 0:08:21# Gheibh e crathadh math son greis

0:08:21 > 0:08:24# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:08:24 > 0:08:25# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:08:25 > 0:08:27# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:08:27 > 0:08:32# 's thoir dhomhsa an latha dheth!

0:08:32 > 0:08:36# Tha soithichean anns an t-sinc

0:08:36 > 0:08:40# Deiseil son an nighe

0:08:40 > 0:08:43# Truinnsearan 's cupannan

0:08:43 > 0:08:49# A bh'againn aig am teatha

0:08:49 > 0:08:50# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:08:50 > 0:08:52# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:08:52 > 0:08:54# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:08:54 > 0:08:59# 'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:08:59 > 0:09:02# Sguab nis lar a' chidsin

0:09:02 > 0:09:06# Lan phronnagan 's dust

0:09:06 > 0:09:10# Suath clobhd ri na h-uinneagan

0:09:10 > 0:09:15# Tha cho salach ris a' mhuc!

0:09:15 > 0:09:17# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:09:17 > 0:09:19# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:09:19 > 0:09:21# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:09:21 > 0:09:25# 'S thoir dhomhsa an latha dheth!

0:09:36 > 0:09:40# Tha an t-aodach nise tioram

0:09:40 > 0:09:44# 'S na laighe air a' bhord

0:09:44 > 0:09:47# Deiseil airson iarnaigeadh

0:09:47 > 0:09:50# Sin an obair

0:09:50 > 0:09:54# Nach cord!

0:09:54 > 0:09:56# Thuirt Mamaidh 's i ri dustaigeadh

0:09:56 > 0:09:58# 'S a' deanamh an obair-taigh'

0:09:58 > 0:10:00# Nach tig thu gha mo chuideachadh

0:10:00 > 0:10:05# 'S thoir dhomhsa an latha dheth! #

0:10:23 > 0:10:25Oh tha mi sgith as deidh sin!

0:10:25 > 0:10:28'S math a rinn sibh leis an obair taighe!

0:10:33 > 0:10:38Bha sibh direach air leth! Uill sin sinn son la eile.

0:10:38 > 0:10:43Gus an ath thuras agus an tuilleadh Leum is Danns leigibh ur n-anail.