Dealbhan (Pictures)

Download Subtitles

Transcript

0:07:50 > 0:07:57.

0:08:08 > 0:08:11Seo oran mu dheidhinn peantadh le dathan,

0:08:11 > 0:08:13agus bruis-pheantaidh.

0:08:14 > 0:08:20# An-diugh anns an sgoil araich Bha mis' a' peantadh dealbh

0:08:20 > 0:08:25# Le dathan boidheach alainn Is bruis-pheant na mo laimh

0:08:25 > 0:08:31# Rinn mi beanntan arda, is grian mhor anns an adhar

0:08:31 > 0:08:34# Is taigh beag geal, le craobhan aig

0:08:34 > 0:08:38# Is garaids agus car

0:08:39 > 0:08:44# An uairsin pheant mi sitheanan Le dathan de gach seors'

0:08:44 > 0:08:50# Le eoin am measg nan duilleagan Is seilleanan gu leor

0:08:50 > 0:08:56# Bha feorag air an staran Le criomagan na doirn

0:08:56 > 0:09:03# 'S bha cuilean beag mo sheanar ann S cha robh ait' ann dhan a' chorr!

0:09:04 > 0:09:09# Dh'fhalbh mi chun an tidseir leis Is sheall i ri mo dhealbh

0:09:09 > 0:09:15# Thuirt i rium cho math 's a bha e' Is thug i e air falbh

0:09:15 > 0:09:21# Chuir i air a' bhalla e Le pios beag stiocach gorm

0:09:21 > 0:09:27# 'S sgriobh i air an dealbh agam An latha, 's a' mhios, is m'ainm

0:09:29 > 0:09:34# Aig am a bhith dol dhachaigh dhomh Bha mamaidh a' feitheamh orm

0:09:34 > 0:09:40# Thoisich mi a' ranail 'S mo chridhe trom le bron

0:09:40 > 0:09:46# 'S thuirt i rium "greas ort a-nis Feumaidh sinn bhith falbh"

0:09:46 > 0:09:52# Cha robh mi idir toilichte Dhol dhachaigh gun mo dhealbh

0:09:53 > 0:09:59# Bha 'n tidsear anns a' phreasa Ach de bha i a' lorg?

0:09:59 > 0:10:05# Thug i mach an camara 'S chuir i e nam laimh

0:10:05 > 0:10:10# Sheall mi ris a' chamara 'S thog mi e gum shuil

0:10:10 > 0:10:17# Chunnaic mis an dealbh agam Tro uinneag air a' chul

0:10:18 > 0:10:24# Bhruth mi sios am putan Is bhruth mi e gu ceart

0:10:24 > 0:10:30# 'S chaidh sin chun a'choimpiutair 'S chuir sin 'steach a' chairt

0:10:30 > 0:10:35# Nuairsin thuirt an tidsear "Sguir a ghal a ghraidh

0:10:35 > 0:10:42# "Seo dhut dealbh den dealbh agad A pheant thu na bu traith!"