An Robot/Robot

Download Subtitles

Transcript

0:00:04 > 0:00:07# Is mise Sgriobag

0:00:07 > 0:00:09# Deilbh ni mi

0:00:09 > 0:00:12# De chu, de chat, de luch

0:00:12 > 0:00:16# Ni mi dealbh sam bith

0:00:16 > 0:00:19# Nach fhaigh thu paipear

0:00:19 > 0:00:21# 'eil peansail nad chroig?

0:00:21 > 0:00:23# Dean dealbh le Sgriobag

0:00:23 > 0:00:27# Bidh tu cho sona ri broig. #

0:00:27 > 0:00:28Dean Dealbh!

0:00:44 > 0:00:47Hello a chairdean, Sgriobag an seo.

0:00:50 > 0:00:52Feuch an tomhais thu de a th' annam.

0:00:52 > 0:00:55Tha mi air mo dheanamh a meatailt.

0:00:55 > 0:00:58Tha mo chorragan meatailt.

0:00:58 > 0:01:01Tha mo ghluinean meatailt.

0:01:01 > 0:01:03Robot a th' annam!

0:01:03 > 0:01:06An sgriob sinn robot dhuinn fhin?

0:01:06 > 0:01:11De seorsa loidhne a ni sinn? Bheir sinn suil.

0:01:23 > 0:01:26Loidhne dhireach a th' innte!

0:01:26 > 0:01:31A bheil pailteas paipeir... agus peansailean agad?

0:01:31 > 0:01:35Tha thid' againn sgriobadh.

0:01:35 > 0:01:37Tha sinn a' dol a sgriobadh robot.

0:01:37 > 0:01:42Cleachdaidh sinn loidhnichean direach. Tha iad sin sgoinneil.

0:01:42 > 0:01:45Sgriob te comhla rinn!

0:01:45 > 0:01:49Feumaidh sinn ceithir loidhnichean direach airson a cheann.

0:01:49 > 0:01:52Cuir do pheansail air a' phaipear.

0:01:52 > 0:01:58Tarsainn, sios, tarsainn agus suas.

0:01:58 > 0:02:01Sin e.

0:02:01 > 0:02:04De mar a chaidh dhut?

0:02:04 > 0:02:11Tarsainn, sios, tarsainn agus suas.

0:02:11 > 0:02:13Sgoinneil.

0:02:13 > 0:02:17Cleachdaidh sinn cearnag eile airson a mhionach.

0:02:17 > 0:02:22Loidhnichean direach airson a ghairdeanan...

0:02:25 > 0:02:28..aon...

0:02:31 > 0:02:34..dha...agus casan.

0:02:41 > 0:02:45Bheir sinn suilean dha - aon, dha.

0:02:47 > 0:02:51Aerial...agus beul.

0:02:51 > 0:02:56Abair robot miorbhaileach. An coinnich sinn ris?

0:02:56 > 0:02:59Can na facail draoidheil comhla rium -

0:02:59 > 0:03:04ordag, sgealbag, gunna fada, mac an aba, ludag -

0:03:04 > 0:03:06thigibh beo gach sgrobag agus lubag.

0:03:18 > 0:03:22Hello. Is mise Raibeart an Robot.

0:03:22 > 0:03:25Hello, a Raibeirt. Is mise Sgriobag.

0:03:25 > 0:03:29Bidh thu cho laidir, 's tu air do dheanamh a meatailt.

0:03:29 > 0:03:34Oh, tha. Agus gu math trang. Tha robotan daonnan trang.

0:03:34 > 0:03:40Tha tri dreuchdan agam. Chan eil math dhomh a bhith fadalach.

0:03:40 > 0:03:42Tha mi a' dol gu Rathad nan Ribheidean.

0:03:42 > 0:03:44An rathad as fhaide a th' aig robotan.

0:03:44 > 0:03:49Na gabh dragh. Cha bhi thu fadalach. Sgriobaidh sinn an rathad dhut.

0:03:49 > 0:03:53A bheil pailteas paipeir agus peansailean agad?

0:03:53 > 0:03:56Sgriobaidh sinn dealbh!

0:03:56 > 0:04:02Ni sinn Rathaid nan Ribheidean. Toisichidh sinn leis a' chabhsair.

0:04:02 > 0:04:06Deiseil? Dean loidhne dhireach.

0:04:06 > 0:04:11Sgriobaidh sinn flataichean robotan a-nis.

0:04:11 > 0:04:15Feumaidh sinn loidhne dhireach fhada a' dol suas

0:04:15 > 0:04:18is te nas giorra aig a' mhullach.

0:04:18 > 0:04:22Agus te fhada eile a' dol sios.

0:04:22 > 0:04:25Ni sinn uinneagan a-nis.

0:04:25 > 0:04:30Tarsainn, sios, tarsainn agus suas.

0:04:30 > 0:04:32Sin aonan.

0:04:32 > 0:04:36Sgriobaidh mi tri eile airson ceithir a dheanamh.

0:04:42 > 0:04:45Ni sinn ceart-chearnach airson an dorais.

0:04:45 > 0:04:51Lamh an dorais a-nis agus bucas litrichean.

0:04:52 > 0:04:55Nach cuir thu dath air na flataichean

0:04:55 > 0:04:59fhads a chuireas mise crioch air an rathad.

0:05:04 > 0:05:09Ni mi obair a-nis. Tha agam ri dhol timcheall an seo le litrichean.

0:05:09 > 0:05:12'S e Robot Puist a th' annam. Uh, oh!

0:05:12 > 0:05:15A bheil do chasan ceart gu leor?

0:05:15 > 0:05:19Um, er! Tha iad caran rag.

0:05:19 > 0:05:22Ach feumaidh mi m' obair a dheanamh.

0:05:22 > 0:05:25Te do Raghnall. Uh, aobh.

0:05:25 > 0:05:29Te do Raonaid. Ah!

0:05:29 > 0:05:32Chan eil thu uabhasach doigheil!

0:05:32 > 0:05:37Chan eil. Er! Tha mo ghairdeanan rag cuideachd.

0:05:37 > 0:05:41Chan eil ach ceithir cheud air fhagail.

0:05:41 > 0:05:48Obh obh. Feumaidh mi a dhol gu obair eile. Tillidh mi an seo.

0:05:49 > 0:05:52'S fhearr dhuinn feuchainn ri a chuideachadh.

0:06:01 > 0:06:06Seo an darna dreuchd agam. Robot butha a th' annam.

0:06:06 > 0:06:11- Feumaidh tu obair a dheanamh anns a' bhad.- Hello, a Raibeirt.

0:06:11 > 0:06:14Hello. De a tha sibh ag iarraidh an-diugh?

0:06:14 > 0:06:16Deideagan.

0:06:16 > 0:06:20Deideagan. Sin iad - shuas ann an sin.

0:06:22 > 0:06:25Uhhh...uh...uh.

0:06:25 > 0:06:28Tha Raibeart rag an-diugh.

0:06:28 > 0:06:32Chan eil e gu diofar. Gabhaidh mo ghairdean a dheanamh nas fhaide.

0:06:34 > 0:06:38Mo chreach. Tha mo ghairdean fada rag.

0:06:38 > 0:06:41Fuirich ort, am faigh sinn deideagan idir?

0:06:41 > 0:06:44Na gabh dragh. Tha fhios agam de ni sinn.

0:06:44 > 0:06:50- Sgriobaidh sinn rudeigin a chuidicheas Raibeart - aradh.- Aradh?

0:06:50 > 0:06:54A bheil pailteas paipeir agus peansailean agad?

0:06:54 > 0:06:59Sgriobaidh sinn dealbh! Tha sinn a' dol a dheanamh aradh.

0:06:59 > 0:07:02Cleachdaidh sinn loidhnichean direach.

0:07:02 > 0:07:04Deiseil?

0:07:04 > 0:07:10Sios...agus sios...

0:07:11 > 0:07:14..agus sios...

0:07:14 > 0:07:17agus sios.

0:07:17 > 0:07:21Ceanglaidh sinn na loidhnichean.

0:07:21 > 0:07:24Sin e.

0:07:24 > 0:07:28Ni sinn na piosan air am bi do chasan a' dol le loidhnichean nas giorra -

0:07:28 > 0:07:31's e rangan th'orra.

0:07:31 > 0:07:35Tarsainn, tarsainn, chun a' bhuinn.

0:07:39 > 0:07:45Bidh am fear agamsa uaine. De an dath a bhios air an fhear agadsa?

0:07:46 > 0:07:49Sin agad aradh.

0:07:49 > 0:07:52Oh, tapadh leibh.

0:07:52 > 0:07:56Aobh...aobh...aobh.

0:07:57 > 0:08:01Tha Raibeart bochd a' diosgail gu dona, nach eil?

0:08:01 > 0:08:06Aobh, aobh, aobh. Sin sibh!

0:08:06 > 0:08:09- Tapadh leat. - Tioraidh.

0:08:09 > 0:08:16Tha an diosgail a bha siud a' ciallachadh gu bheil thu feumach air ola. Gus an gluais thu gu ceart.

0:08:16 > 0:08:21Mo chreach - feumaidh mi toiseachadh air an treas dreuchd agam.

0:08:21 > 0:08:25Cuiridh sinn ola annad an toiseach - cha toir e fada.

0:08:36 > 0:08:40Seo sinn. Seo an t-aite airson ola fhaighinn. Garaids!

0:08:40 > 0:08:46Hello. Is mise Raghnall, an Robot-meacanaig. De tha cearr?

0:08:46 > 0:08:51Hello. 'S e mo charaid a th' ann. Tha e feumach air beagan ola.

0:08:51 > 0:08:54Gle mhath ma-tha. A-steach leat.

0:08:56 > 0:08:58Oh. Tha e dioglach.

0:09:00 > 0:09:04De a tha a' tachairt, a Raghnaill?

0:09:04 > 0:09:07An t-inneal ola agam a th' ann. Gu bhith deiseil.

0:09:07 > 0:09:12Oh. Tha mi a' faireachdainn math. Lan ola.

0:09:12 > 0:09:16Tha! 'S cha bhi thu a' diosgail.

0:09:16 > 0:09:20- Tapadh leatsa.- Chi mi a-rithist thu.

0:09:20 > 0:09:25Sgoinnel. Ach de an treas dreuchd a th' agad?

0:09:25 > 0:09:30Robot-lollypop a th' annam a bhios a' toirt chloinne tarsainn an rathaid.

0:09:30 > 0:09:33Le pola mor a tha ag radh stad.

0:09:34 > 0:09:37Oh! Hello, a bhalachaibh.

0:09:37 > 0:09:41- Hello.- An cuidich thu sinn a' dol tarsainn an rathaid?

0:09:41 > 0:09:44Cuidichidh. Sin m' obair.

0:09:47 > 0:09:49Obh obh. Tha an t-uisge ann.

0:09:49 > 0:09:55Obraichidh mise ann an t-side sam bith, a laochain. Tha mi coma.

0:09:56 > 0:09:58Stadaibh!

0:09:59 > 0:10:01Tapadh leat! Tioraidh!

0:10:01 > 0:10:05Faodaidh tu am pola a chur sios a-nis.

0:10:05 > 0:10:08Chan urrainn dhomh. Tha mi rag a-rithist.

0:10:08 > 0:10:12'S e an t-uisge a th' ann! Tha thu a' meirgeadh, a Raibeirt.

0:10:12 > 0:10:17- A' meirgeadh? De tha sin?- Mar a bhios meatailt a' dol grod is ruadh.

0:10:17 > 0:10:20Fagaidh meirg robot gu math rag.

0:10:20 > 0:10:24Obh obh - agus na th' agam ri dheanamh!

0:10:24 > 0:10:28Na gabh dragh. Bidh rudeigin ann a ghabhas deanamh!

0:10:28 > 0:10:31Chan eil mi ag radh nach fhaigh sinn freagairt ann an seo.

0:10:31 > 0:10:36Feuch am faic thu doigh airson Raibeart a chumail tioram.

0:10:41 > 0:10:46Sin Lucy. Tha fras ann ach tha sgailean-uisge aice.

0:10:46 > 0:10:50Cumaidh sin tioram i.

0:10:51 > 0:10:57Tha e math a bhith a' cluich anns na loin. Splash, splash, splash, splash!

0:11:00 > 0:11:04'S math gu bheil sgailean-uisge aig Lucy.

0:11:07 > 0:11:10Am faca tu cail a chumadh Raibeart tioram.

0:11:10 > 0:11:17Sgailean-uisge. Dh'fhaodainn a bhith a-muigh anns an uisge agus bhithinn tioram. Ach chan eil fear agam.

0:11:17 > 0:11:20De an diofar. Sgriobaidh sinne fear dhut.

0:11:20 > 0:11:24A bheil pailteas paipeir agus peansailean agad?

0:11:24 > 0:11:30Sgriobaidh sinn dealbh! Sgriobaidh sinn sgailean-uisge.

0:11:30 > 0:11:35Ni sinn a' chas an toiseach. Feumaidh sinn loidhnichean direach air a son.

0:11:35 > 0:11:37Deiseil?

0:11:37 > 0:11:42Sios, sios le lub bheag aig a' bhonn.

0:11:42 > 0:11:47Luban beaga a-nis airson bonn an sgailein.

0:11:47 > 0:11:50Is lub mhor airson a' mhullaich.

0:11:50 > 0:11:54Suas, lub timcheall agus sios.

0:11:54 > 0:11:58Agus ni sinn loidhnichean direach anns a' mheadhan.

0:12:00 > 0:12:04Bidh am fear agamsa dearg! De an dath a bhios air an fhear agadsa?

0:12:06 > 0:12:09Sin agad sgailean-uisge.

0:12:09 > 0:12:12Oh, tapadh leibhse!

0:12:12 > 0:12:17Uhhh, ach tha mi cho rag 's nach urrainn dhomh a thogail.

0:12:17 > 0:12:21- Mo chreach.- Na gabh dragh. Tha canastair ola sonraichte agam.

0:12:22 > 0:12:27Tapadh leat. Chan fhas mi rag a-nis ma thig fras.

0:12:27 > 0:12:33'S urrainn dhomh a bhith an seo fad an latha 's cha chuir an t-side dragh orm is ni mi pailteas obrach.

0:12:33 > 0:12:38Tha sin sgoinneil, a Raibeirt. Am bu chaomh leatsa a bhith na do robot?

0:12:38 > 0:12:40Seinn oran comhla rinn!

0:12:42 > 0:12:45# Is robot mi, is robot mi

0:12:45 > 0:12:48# Gluaisidh mi gun stri sam bith

0:12:48 > 0:12:51# Fhuair mi ola alainn dubh

0:12:51 > 0:12:55# Is gluaisidh mi mo shroin an-diugh

0:12:55 > 0:12:58# Tha mi fius a' dannsadh

0:12:58 > 0:13:00# A' gluasad gun adhsadh

0:13:00 > 0:13:04# Haoidh cha chluinn thu diosg no brag

0:13:04 > 0:13:08# Danns mar robot nach eil rag

0:13:08 > 0:13:11# 'S iomadh sgriutha is 's iomadh bolta

0:13:11 > 0:13:14# A th' ann an robot ionmholta

0:13:14 > 0:13:17# 'S iomadh sgriutha is 's iomadh bolta

0:13:17 > 0:13:22# A th' ann an robot ionmholta

0:13:22 > 0:13:25# Tha mi fius a' dannsadh

0:13:25 > 0:13:27# A' gluasad gun adhsadh

0:13:27 > 0:13:31# Haoidh, cha chluinn thu diosg no brag,

0:13:31 > 0:13:33# Danns mar robot nach eil rag

0:13:33 > 0:13:36# Cha chluinn thu diosg no brag

0:13:36 > 0:13:40# Danns mar robot nach eil rag. #

0:13:40 > 0:13:44Bha spors againn an-diugh.

0:13:44 > 0:13:48Tapadh leat airson do sgrioban. Tha an t-am ann airson falbh,

0:13:48 > 0:13:52ach feuch gun till thu gu a dh'aithghearr. Cum ort a' sgriobadh.

0:13:52 > 0:13:54Tioraidh.