A' Chraobh air a' Chnoc (On the Hill There is a Tree)

Download Subtitles

Transcript

0:15:50 > 0:15:57.

0:16:04 > 0:16:07'S e latha math earraich a th' ann anns an t-Srath Shona.

0:16:07 > 0:16:11An duil de tha daoine a' deanamh an-diugh? Chi sinn.

0:16:19 > 0:16:21'S e latha mor a th' ann dhan chloinn.

0:16:21 > 0:16:23Tha turas sgoile aca andiugh.

0:16:30 > 0:16:33Trobhaidibh a' chlann - air a' bhus bhuidhe leibh.

0:16:34 > 0:16:36Ach cait a bheil iad a' dol?

0:16:36 > 0:16:38Agus co a th' air a' bhus?

0:16:41 > 0:16:43Hello, a Mhairead. Hello, a Ghriogair.

0:16:43 > 0:16:46Is toigh leotha a bhith a' coimhead ris na ditheanan.

0:16:47 > 0:16:50Sin Seoc agus Sanjay.

0:16:53 > 0:16:57Chan eil tide aig Sanjay smeideadh ort - is e cho trang a' coimhead.

0:17:03 > 0:17:05Seo sinn - rainig sinn.

0:17:05 > 0:17:08Bheir Antaidh Anna a' chlann gu mullach a' chnuic

0:17:08 > 0:17:11gus am faic iad seann chraobh-dharaich.

0:17:14 > 0:17:16'S e craobh fior fior aosda a th' innte.

0:17:16 > 0:17:20Tha a freumhan a' dol cho domhainn dhan talamh.

0:17:20 > 0:17:22Tha rudeigin a' deanamh dragh dha Sanjay.

0:17:23 > 0:17:26Ma tha a' chraobh a' seasamh air an t-saoghal,

0:17:26 > 0:17:28co air a tha an saoghal a' seasamh?

0:17:28 > 0:17:30Na gabh dragh, Sanjay.

0:17:30 > 0:17:32Tha Antaidh Anna ag radh gu bheil an saoghal

0:17:32 > 0:17:37coltach ri ball-coise mor a tha a' cur nan caran anns na speuran.

0:18:01 > 0:18:05Chunnaic Sanjay rudeigin anns a' chraoibh. De th' ann?

0:18:07 > 0:18:09Ah, nead eoin.

0:18:10 > 0:18:14Seall, Sanjay, sin an t-eun a tha a' fuireach anns an nead.

0:18:14 > 0:18:18Agus tha ugh ann. Ugh leis an eun.

0:18:44 > 0:18:48Ach de tha a' tachairt? Tha rudeigin anns an ugh.

0:18:49 > 0:18:52Isean a th' ann.

0:18:54 > 0:18:57Tha an t-eun cho toilichte leis an isean aice.

0:19:12 > 0:19:15Tha thid' againn falbh. Chun a' bhus, a chlann.

0:19:21 > 0:19:23Tha fadachd air Sanjay innse dha a mhathair agus athair

0:19:23 > 0:19:26mun turas gu mullach a' chnuic.

0:19:26 > 0:19:28Innsidh e a h-uile cail.

0:19:59 > 0:20:02Oidhche mhath, Sanjay. Caidil gu sunndach.

0:20:16 > 0:20:19Oidhche mhath a Srath Sona.

0:20:50 > 0:20:53Subtitles by Red Bee Media Ltd

0:20:53 > 0:20:56E-mail subtitling@bbc.co.uk